Sabhal Mòr Ostaig  
 
 
Anns an toiseach bha saibhreas nan linn a chaidh seachad (gu h-araid priomh bhaird na 18mh linn), agus, is docha, dochas gu robh toradh beag air choireiginn ri fhaotainn anns an linn a bha ri teachd. Ach, an deidh nan iomadh buille a thainig air na Gaidheil bho latha Chulodair sios tromh na fuadaichean, agus le Achd Foghluim, ann an 1872, a chaidh as aicheadh gu robh lethid de ni ri Gaidhlig idir ann, le sgrios an da chogadh mhor ri tighinn anns an linn seo fhein, 's ann a tha e na chuis iongnaidh gun do dh'eirich litreachas sam bith as an fhicheadamh linn, gun ghuth air na leugan iongantach a shoillsich an linn.

Dhan fheadhainn a bha sgriobhadh sa Ghaidhlig aig toiseach na linne, bha dileab na 19mh linn priseil ann an grunnd dhoighean, oir bha eachdraidh an ama sin fhathast beo dhaibh, agus a chuid sgriobhadairean ur anns a chuimhne.

Màiri Mhòr nan Òrain   Bha an cliu a choisinn a bhana-Sgiathanach iomraiteach, Mairi Mhor Nic a Phearsain (1821-1898), mar oranaiche beachdail, ceolar (cliu a tha air maireachdainn chun an latha an diugh) fhathast faisg orra aig toiseach na linne. Mhair an doigh anns an do bhruidhinn i ris a mhor-shluagh, air an cas is am faireachaidhean fhein, mar bhrosnachadh do bhaird agus do luchd eisdeachd, agus chan eil a choltas ann gu bheil brigh a saothair dol a chall a neart.
[Oran Beinn Li] ***
   

Chan eil teagamh nach tug fein-oideachadh Uilleim Mhic Dhuin-Leibhe, as Ile, (1808-1870) buaidh air a chuid bardachd. B'e tailleir a bh'ann, a dh'ionnsaich, gu ire air choireiginn, Laideann, Greugais, Eabhrais, Frangais agus Cuimris. Nochd an uidh a bh'aige ann an eachdraidh agus litreachas anns na cuspairean mora, agus na nosan sgriobhaidh a thagh e. Ach ged nach ann air na duain-mora a tha sinn a cuimhneachadh, mar fhior obair baird, thug iad gne eadar-dhealaichte do bhardachd Gaidhlig - ard-amas ann a bhi fiachainn ri sgial innse, a toirt astigh eachdraidh, laochaileachd agus naiseantachd. Ged a sgriobh e moran a bha ro bhriarachail, leibideach ann a rannaidheachd is fuaim airson a bhi na shar bhard, dh'fhag e dan no dha nach teid a cuimhne. (Gheibhear da leirmheas air a shaothair ameasg na chruinnichear de rosg Shomhairle Mhic Illeain. 2 )
[Fios chun a Bhard] ***

Iain Mac a Ghobhainn   Fhuair Iain Mac a Ghobhainn (Iain Phadruig), as Iarsiadar, Uige Leodhais (1848-81), sgoil ann an Oilthigh Dhuin Eideann, ag ionnsachadh leigheas, gus an do bhualadh e leis a chaitheamh, a thug air tilleadh air aid a Leodhas. Coltach ris an Ileach, bha uidh aige ann an eachdraidh agus ann am bardachd Oiseanach, agus nochd sin anns a bhardachd fhein. Ged a tha a mheadarrachd agus fhuaimneachadh cho Gaidhealach sa ghabhas, chithear cuideachd a bhuaidh a bh'aig an eolas a rinn e air bardachdan eile, gu h-araid bhon Bheurla, anns an doigh a tha e bruidhinn ri cuspair a dhain13. Mar eisimpleir, chan ann ris an fheadhainn a dh'fhaodadh a bhi fo bhuaidh Spiorad a Charthannais a tha e bruidhinn ach ri cuspair an dain fhein...
[Spiorad a Charthannais] ***
   

Cliathadh

Aig toiseach na ficheadamh linn fhein, bha comharraidhean ann gu robh an eanchainn Ghaidhlig fhathast beo, agus a lorg doighean ur air a saoghal a dhealbh. Ged nach tainig moran dhe na saighdean seo cho faisg air suil na targaid 's a dh'iarradh sinn, bha iad ann, agus a samhlachadh gu robh iarrtas ann, ameasg luchd-sgriobhaidh na Gaidhlig, airson sealltainn amach thar an criochan fhein, ged a bha a chuid bu chothromaiche dhe na chaidh a sgriobhadh trath san linn fhathast air a dhaingneachadh san t-seann nos.

Gathering of the poets