Ann an saoghal nan Gàidheal,
tha aon nòs dràma fìor àrsaidh, agus buileach
dualach. Sin dealbh-chluich an aon neach, neo mar a chithear e anns
a chumantas, innse sgialachd a bial-aithris. Le cuid de sgialachdan
a toirt seachd no ochd oidhcheanan gan aithris, fiù's gun tàlaidhean
eile mar telebhisean is réidio, dh'fheumadh an seanchaidh a
bhi air leth sgileil airson aire a luchd-éisdeachd a chumail
air an sgial cho fada.
Aig toiseach na ficheadamh linn, thòisich
buaidh a bhaile mhóir tighinn astigh air saoghal dràma
nan Gàidheal. Cha b'ann mun cuairt nan cagailt a bha an sgial
air a toirt beò, ach air àrd-ùrlar. Agus b'e
chiad àrd-ùrlar a bha fosgailte do shùilean
Gàidhealach, am Music Hall. B'ann mar sgeidsichean eadar
cheòl is òran, air àrd-ùrlar a chéilidh-talla,
a thòisich an dràma Gàidhlig seo. Lean, an
uairsin farpaisean dràma an Scottish Community Drama Association,
stéidhichte gu tur air deilbh-chluich aon-earrainn. Chithear
bho liosta dheilbh-chluich a Chomuinn Ghàidhealaich, cho
sàr-bhuaidheil 'sa a bhà an raon farpaiseach seo.
Cha mhór gu bheil aon sgrìobhadair-dràma Gàidhlig
ann, bho Dhòmhnall Mac Na Ceàrdaich is Iain MacCormaig
gu Tormod Calum Dòmhnallach is Iain Mac a Ghobhainn, nach
do sgrìobh a mhór chuid dhen cuid deilbh anns an nòs
seo.
Ged a dh'amais sgrìobhadair no
dha, eadar toiseach is deireadh an linn, air dealbh-chluich làn-fhaid
a sgrìobhadh, chan éireadh comas profaiseanta dhan
sgrìobhadair dràma Gàidhlig gus an do nochd
Fir Chlis, agus an déidh ùine de shàmhchar
eile, Tosg. An aon leasachadh a thàinig air an t-suidheachadh,
airson iomadh bliadhna, b'e réidio, ach a rithist, airson
a mhórchuid, b'e deilbh aon earran a fhuair éisdeachd.
An uairsin thàinig telebhisean, agus fhuair sgrìobhadairean
mar Fionnlagh MacLeòid cothrom air a mheadhoinn sin fhiachainn
amach, le deilbh mar Ceann Cropic, a bha gabhail buaidh bhon nòs
dràma Eòrpach ris an canar Absurd.
Tha dràma telebhisean gu math
cosgail, 's mar sin cha deach móran a dheanamh anns an raon
gus an do nochd Machair, a biathadh air taic bhon Chomataidh Telebhisean
Gàidhlig.
Ann a fiolm, b'iad a chiad fheadhainn
a dh'éirich bho thùs, agus gu
tur, as pinn Ghàidhlig, dha ghoirid fo sgiath sgeime Geur
Ghearr, aon
air a sgrìobhadh le Aonghas Dubh MacNeacail, agus am fear
eile le
sgriobt agus stiùireadh bho Bill MacLeòid. Ameasg
an fheadhainn eile
fhuair cothrom air an sgeime, fhad's a mhair e, bha Tormod
Macilleathain, le sgial air a tarruing as an nobhal aige, Keino,
agus
Domhnall Ruadh, a sheall, le fiolm steidhichte air oran na ban
iadaich, nach leigear a leas móran bhriathran airson deagh
sgial
innse, ma tha cumhachd anns na deilbh
|