Ged a bha sgialachdan gu leor ri'm
faotainn ann am bial aithris, b'ann fo bhuaidh sgial mhor a Bhiobuill
a bha a mhor-chuid dhen rosg a chaidh a sgriobhadh roimh thoiseach
an 20mh linn. Agus, ged a sgaoil cuspaireachd nan sgrìobhadh
amach bho chreideamh fhéin gu eachdraidh, saidheans, polataigs
an latha, agus nithean eile dhen t-seòrsa, dh'fhuirich a chainnt
gu math fuirmeil. Cha bu chòir dha sin a bhi na chùis
iongnaidh, oir b'e cléireach ainmeil a rinn a mhór-chuid
dhen chiad sgaoileadh - an t-Urramach
Tormod MacLeòid, "Caraid nan Gàidheal",
ged a chuir esan roimhe gum biodh a chuid sgrìobhaidhean cho
duilich an leughadh ris na seann sgrìobhadairean cràbhaidh.
Aig fìor thoiseach na ficheadamh
linn, bha ceithir bliadhna fhathast ri dhol aig a chiad pàipear
naidheachd Gàidhlig, a bha steidhichte na stoidhle, gu ìre
mhór air nòsan-sgrìobhaidh a "Charaid".
Cha b'ann air Gaidhealtachd na h-Albainn a dh'fhoillseachadh am
pàipear seo, Mac-Talla, ach ann a Sydney, Eilean Cheap Bhreatainn.
Nochd e gach seachdainn airson a chiad naoidh bliadhna bha e dol,
agus gach colla-diag anns na trì bliadhna mu dheireadh nhair
e. Ged a bha naidheachdan cruaidh buailteach a bhi gann ann a Mac-Talla,
bha e na shoidheach-foillseachaidh cudthromach do luchd-sgrìobhaidh
aistidhean air eachdraidh, litreachas is eile. Cuideachd, nochd
sgialachdan ann bho sgrìobhadairean mar Iain MacCormaig,
Iain MacPhàidean agus eile. Marsin, sheas e na dhrochaid
eadar an 19mh is an 20mh linn.
Muileach a bh'ann a MacPhàidean,
a fhuair cosnadh air an réile ann an Glaschu. Bha eòlas
aige air na bha dol air àrd-ùrlaran nan tigh-cluiche
aig an àm, gu h-àraid music hall. Bha a bhuil air
a chuid sgialachdan, aotrom, gnathasach, le bàrdachd éibhinn
is òrain air am filleadh astigh unnta.
Aig toiseach na linne, thàinig
laoch eile gu bàrr, an t-Uasal Ruairidh Arascainn is Mhàirr,
fear de theaghlaichean móra na dùthcha, a dh'ionnsaich
a Ghàidhlig na inbheach. B'e amas an duine seo litreachas
na Gàidhlig a thogail chun an aon inbhe ri litreachas mór
na Beurla. Airson a rùintean a choilionadh, dh'fhoillsich
e irisean is pàipearan naidheachd, nam measg, Guth na Bliadhna
(1904-1925), An Sgeulaiche (1909-1911) agus An Ròsarnach,
a nochd bho àm gu àm eadar 1917 agus 1930. Nuair a
chaidh gearain a dhèanamh mu na bha nochdadh ann an Guth
na Bliadhna, gu robh e tuilleadh is doirbh dhan a mhór-shluagh,
fhreagair Fear Mhàirr, "Is e cuspair sònraichte
an Ràitheachain seo deagh litreachas anns a' chànain
Ghàidhlig a chur amach, agus mar an ceudna spiorad fìor
thuigseach léirsinneach a thaobh nithean àrda an t-saoghail
so a dhùisgeadh anns na Gàidheil air fad. Ma ghabhas
so deanamh ann an dòigh a bheir tlachd agus toileachadh do'n
mhór-chuid de na Gàidheil, tha sinn toilichte; ach
mar toir, tha sinn coma, is gur iad is motha leinn daonnan prionnsapla
seach daoine." 'S dòcha gur beag an iongnadh nach do
mhair an iris ach bliadhna eile.
B'e aon dhe na sgrìobhadairean
sgialachd a bhrosnaich e Iain MacCormaig, a bheireadh amach ceithir
chruinneachaidhean de sgialachdan1. B'e MacCormaig a sgrìobh
a chiad nobhal Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh2. B'ann air
eachdraidh na linn a chaidh seachad a bha móran de chuid
sgialachdan, agus an nobhal. Ma bha stoidhle nan sgialachd mionaideach,
dligheach, a réir coltais chaidh nòsan an nobhal an
rathad eile gu tomadachd is faoineas. Chan e leabhar a tha seo a
tha buailteach nochdadh air sgeilpichean Waterstones anns a chiad
ghreis. Mar a chithear ann an liost a Chomuinn Ghàidhealaich,
bha uidh aig MacCormaig ann an dràma cuideachd, le cóig
deilbh-cluich air an cunntas.
Cha bhiodh an dàrna nobhal a nochd
(ann a 1913), An t-Ogha Mór, le Aonghas MacDhonnchaidh, móran
nas tarruingiche do dh'fhoillseachairean an latha 'n diugh, a réir
gach iomradh a tha ri fhaotainn mu deidhinn. Steidhichte air diamhaireachdan
ameasg nan Seumasach anns an ochdamh linn diag, tha nobhal MhicDhonnchaidh
cur thairis le stoidhle.
Agus, ged nach robh na millidhean a sgàin
a chiad dà nobhal buaidheil air Cailinn Sgiathanach, a thug
Seumas MacLeòid amach ann an 1923, cha robh tuilleadh sa
chòir brìgh anns an leabhar seo nas mò.
Aon duine tha cosnadh cliù airson a chuid sgialachdan, seadh,
airson aon sgialachd, Lughain Lir, a nochd anns An Ròsarnach
ann an 1921, b'e caraid CM Grieve, am Barrach Domhnall Mac na Ceàrdaich,
a choisinn cliù na latha airson aistidhean air litreachas
agus léirmheasan air leabhraichean. Bha esan cuideachd ri
bàrdachd, agus d'fhàg e tri deilbh-cluich air chlàr.3
Feumar tilleadh chun a chléir
airson sgrìobhadair a thug bun-stéidh do litreachas
na Gàidhlig airson a mhór-chuid dhen chiad leth dhen
20mh linn. B'esan an t-Urramach Domhnall Làman, (no MacLaomainn)
a bha na fhear-deasachaidh air roinn Gàidhlig Life and Work,
iris na h-Eaglaise Albannaich, bho 1907 gu 1950. Bha esan siùbhlach
nàdurra na sgrìobhadh, agus dualach a bhi éibhinn.
Thog iomadh cuspair aire, bho nàdur gu daoine àraid
mar Dòmhnall nan Damh agus An t-Urramach Theodore Boanerges
Pom-Pom, OBE, agus nithean cho eadar-dhealaichte ri "Dùthaich
Neònach" agus "Sgoile-shamhraidh Comunn na Sguaibe
Uire" Ged nach bu sgialaiche e, bha ròlaist agus macmeanmhain
an sgialadair anns na h-aistidhean aige4.
Thogadh a mhórchuid dhe'n fhiosrachadh
os cionn, agus grunnd math dhe na leanas bho'n aiste "Gaelic
Prose" le Domhnall Iain MacLeòid, anns am faighear iomraidhean
air sgrìobhadairean, foillseachairean, irisean agus leabhraichean
eile nach eil air an cunntas ann an seo (TGSI 49)
Ged is ann mar fhear-craolaidh is fheàrr
a tha cuimhne aig Gàidheil air Fionnlagh Dòmhnallach
(Finlay J), 's diach cuimhneachadh gum b'esan, na sgoilear òg,
a chiad deasachair air iris a bha gu math buaidheil air mar a leasaicheadh
do rosg Gàidhlig an déidh an dàrna cogadh mór.
B'iad buill de Chomunn na h-Oigridh aig Sgoil Phortrìgh a
dh'fhoillsich an iris seo, An Cabairneach, a thàinig amach
airson a chiad uair ann a 1944. Bha blas beòthail gnathasach
cainnt an latha fhéin air na sgrìobhaidhean a nochd
anns an iris. Leis gum b'e, ann a 1952, Finlay J, còmhla
ri Ruairidh MacThómais, a steidhich an ràitheachan
Gairm, a tha a dol fhathast gun choltas fannachadh air, chi sinn
gu robh achaidhean torrach fosgailte ann far am b'urrainn do luchd-sgrìobhaidh
na Gàidhlig am smuaintean a chur, le dùil gu faigheadh
iad cothrom abachadh. Bha sgialachd le Fionnlagh Dòmhnallach
fhéin, Air Beulaibh an t-Sluaigh, air mar a bha aig nighean
minisdeir ri déiligeadh ri bhi ga faighinn fhéin trom,
na comharradh gu robh sinn an an saoghal ùr, far am b'urrainn
dhan sgrìobhadair a roghainn fhéin de chuspairean
a thoirt gu bàrr.
Ann a 1973, thug Gairm amach leabhar
neo-àbhaisteach eile. B'è an ùghdar Aonghas
Caimbeul (Am Puilean) agus an leabhar, Suathadh ri Iomadh Rudha5.
Eachdraidh beatha an sgrìobhadair fhéin a bha ann,
bho òige ann a Nis agus air ais gu àois anns an sgìre,
ach tha deagh chuibhrionn dhe a toirt dealbh dhuinn air cogadh Hitler,
agus beatha làitheil ann an campaichean prìosanaich-cogaidh
'sa Gearmailt. Ann an stoidhle, tha an leabhar a dèanamh
pòsadh teann eadar fuirmealachd nan aistidhear bho shean
agus cainnt ghnathasach nàdurra a sgìre fhéin.
An deidh an fhuasglaidh a lean an dàrna
cogadh, thàinig grunnd sgrìobhadairean sgialachda
ùra gu bàrr
Nam measg bha an t-Urramach Cailean T
MacCoinnich, minisdear anns an Eaglais Albannach, aig an robh ùidh
anns an uirsgeul saidheansail, ameasg nòsan is chuspairean
eile, agus Eilidh Watt a dh'amais air pòsadh a dhèanamh
eadar creideamh anns an dàrna sealladh agus nòsan
sgrìobhaidh a latha fhéin. Ged is ann airson eadartheangachadh
de nobhal le Allan Campbell MacLean, Teine Ceann Fòid, is
fheàrr a tha daoine buailteach cuimhneachadh air Pòl
MacAonghais, bha e na sgrìobhadair dràma, gu h-àraid
do réidio, far an robh e na riochdaire son iomadh bliadhna:
ach bha e cuideachd air leth comasach anns an sgialachd ghoirid.
Aig deireadh na ficheadamh linn, mar
ann am bàrdachd, tha Iain Mac a Ghobhain ameasg nan ainm
nach gabh a sheachnadh ann a rosg na Gàidhlig. A réir
Dhomhnaill Iain MhicLeòid, "We find the characteristic
blend of secularised puritanism and mid twentieth century cynicism
- evinced usually in regret at the neglect of spiritual values and
a pessimistic outlook on the human condition - which is a characteristic
feature of modern Gaelic literature6."
Thug e mach dà chruinneachadh
de sgialachdan an toiseach, Bùrn is Aran ann an 1960, briseadh
dòchais mar fho-chuspair a ruith tromhpa, agus An Dubh is
an Gorm (1963), far an robh beatha nan caractar na bu dorcha buileach.
Bhiodh e doirbh a ràdha nach robh buaidh na h-Eaglaise Saoire
cur ri dath nan sgialachd, gun i bhi 'g éirigh mar chuspair
i fhéin. Tha fiù's ainm an treas cruinneachadh, Maighstirean
is Ministearan (1970), a ceangal a bhrìgh ris a chreideamh,
agus, ma's ann air "maighstirean" is tràillean"
a tha e amach, 's dòcha gu bheil sin na shamhla iomchaidh
do chuideiginn a tha sealltainn air a chreideamh bhon taobh amuigh,
ach le fìor eòlas a maireachdainn bho àrach
air an taobh astigh.
Anns an aon bhliadhna, thug e mach a
chiad nobhal sgrìobhte sa Ghàidhlig anns an dàrna
leth dhen 20mh linn, Iain ameasg nan Reultan (1970), steidhichte
air beatha-smuaint Ghàidheil òig, le caractaran as
na comaigean a bhiodh e leughadh, laoich as na seann uirsgeulan
Gàidhealach a gluasad ameasg nan eòlach a bha mun
cuairt air. Gheibhear càirdeas cuideachd eadar muinntir nan
sgial a nochd anns a chruinneachadh An t-Adhar Amairigeanach (1973)
agus am fear a thug ainm dhan dàrna nobhal, An t-Aonaran7.
Ged a tha Iain Mac a Ghobhainn ri thomhas
mar aon de shàr-sgrìobhadairean na linne, ann an Gàidhlig
agus am Beurla, ann am bàrdachd agus rosg, b'e Tormod Caimbeul
a thug an nobhal Ghàidhlig gu inbhe àraid le Deireadh
an Fhoghair8, sgial steidhichte air baile beag iomallach, anns nach
eil ach triùir air fhàgail, seann chàraid agus
an seann nàbaidh, agus an cuimhne air a bheatha a dh'fhalbh.
Ameasg nan sgrìobhadair ris am faodar coimhead airson buaidh
air blas an nobhal, tha Samuel Beckett (ach ag aideachadh dòchais)
gu math follaiseach.
Tha e cheart cho fìor gun do chuir
Iain Moireach dreach ùr air an sgialachd ghoirid, ann an
aon chruinneachadh, An Aghaidh Choimheach9. Mionaideach anns an
dòigh anns a bheil iad a sgrùdadh beatha an cuspairean,
mar a tha iad a déiligeadh ri cùisean, na tha iad
a cumail fallach is a foillseachadh, tha na sgialachdan a tarruing
air iomadh nòs agus stoidhle, gu siùbhlach sgileil.
Ameasg sgrìobhadairean eile an
latha 'n diugh tha air cur ri stòras na
Gàidhlig, gu h-àraid anns an sgialachd ghoirid, tha
Alasdair
Caimbeul, bràthair Thormoid, Maoileas Caimbeul, Mairi NicGumaraid,
Tormod Calum Dòmhnallach agus Iain MacLeoid. Tha Tormod Macilleathain
air a bhi sealltainn gu bheil àite fhathast ann an Gàidhlig
airson an
nobhal.
|