A' Bleith le Brà

English version


Boireannaich cas-rùisgte nan suidhe air an talaimh a' bleith coirce le clachain-bràthan, dealbh a chaidh a ghràbhaladh le Tòmas Pennant anns an 18mh linn

Brà-bleith, leis a' chlach iochdarach agus a' chlach uachdarach ri fhaicinn còmhla, Clachan, An t-Eilean Sgitheanach

"Bha daoine a' bleith eòrna an toiseach ach ... chan eil cuimhne agam-sa air sin idir. Ach, tha cuimhne agam air muileann a bhith ann agus bha a' chlach mhuileann, bha i fhathast ann an abhainn na muilinn nuair a dh'fhalbh mise à Scarp. Ach chan eil cuimhne agam-sa air daoine ga bhleith idir. Ach bha, mun àm bheil cuimhne agam air. O, bha iad a' dèanamh aran eòrna. Bha tòrr a' dèanamh aran eòrna ann an Nis 's ann an Leòdhas."
An Sgarp 2002

 

Fireannach is a bhean a' bleith le brà (muileann-làimhe airson coirce agus eòrna), Ham, Foula, Sealtainn, mu 1902

Iain Clark a' bleith le brà, an dàrna làmh air an sgonnan a' tionndadh na bràthann àirde mun chuairt agus an làmh eile a' cur coirce ann an sùil na bràthann, Skaw, Unst, Sealltainn, mu 1930

 

"Bha barrachd obair as an eòrna, bha e ri phronnadh 's am moll ri thoirt às. Ach le coirce beag, cha robh ann ach an sìol, cha robh càil ri thoirt dheth."
An Sgarp 2002

Uilleam Leslie a' pronnadh coirce beag no eòrna, Barkland, FairIsle, 1920

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-027