A' Buain na Mònadh
English version
Bha fàileadh na mònadh cha mhòr a' ciallachadh "dachaigh" dhan Ghaidheal fad iomadh linn. 'S e mòine a biodh aca air fad, seach fiodh no gual.
"Bha
iad a' feannadh an toiseach na mònadh. Feannadh, a' toirt dhe a'
mhullach, fhios a'd, bhiodh seo cho tioram 's cho cruaidh. Bhiodh iad
ga fheannadh sìos pìos, o chionn cha b' e mòine a
bha sa phìos uachdair idir, ach mar gum biodh talamh." |
|
Aonghas MacGill-Fhaolain a' giùlan dà inneal airson poll-mònadh a fheannadh gus mòine a bhuain: cabar-iar na làimh dheis agus croman (caba no caibe) na làimh chlì, Mòrar, mu 1902 |
"Dìreach
a' cur a-mach, a-mach air an talamh, duine a' buain 's duine a' gearradh,
duine ga cur a-mach. Bha feadhainn ann 's bha iad math air cur a-mach.
Chuireadh iad dìreach an dà fhad ri taobh ri chèile
agus bha iad cho faisg ri chèile. Bha feadhainn ann a bha eagalach
math air a' chur a-mach na mònadh. Agus an dàrna fad a'
dol oir ri oir, a h-uile tè riamh a' dol oir ri oir. Cha b'urrain
dhomhsa riamh sin a dhèanamh. Bha iad math math orra." |
|
|
A' buain na mònadh, Mòrar, mu 1900 |
Bhiodh deagh shìde ann daonnan anns a' Chèitein aig an àm
nuair a bhiodh daoine a' buain na mònadh. Nuair a bha iad ag obair
air a' mhònaidh, bhiodh na boireannaich agus na fireannaich ag
obair còmhla air. "
'S e obair nam boireannach a bh' ann an caitheamh a-mach 's togail. 'S
e obair nam fear a bh' ann am feannadh 's buain. Bhiodh na fireannaich
ag ràdh gur e obair ro throm do bhoireannaich a bhith a' feannadh.
An latha a bha iad a' buain na mònadh, bhiodh esan air an tairsgeir
agus ise ga caitheamh a-mach. Bhiodh coire beag dubh ann daonnan, coire
na mònadh. Bhiodh iad a' togail teine a-muigh agus bhiodh iad a'
dèanamh na teatha a-muigh. Bha siud math a bhith a' gabhail teatha
a-muigh." |
"Sin togail na mònadh. Bha sinn a' rùdhadh. Ach cha robh an toiseach. An toiseach, seo coilleagan. 'S e coilleagan a bha seo. Bha thu an uair sin a' dol a-mach, 's dòcha ann an seachdainn no rudeiginach eile, agus an fheadhainn na bu tiorama, bha iad a' dol a-steach agus bha thu a' cur "cover" den fheadhainn nach robh cho tioram air uachdar. Agus bha sin na rudhan, mar gum biodh cruachan, ach is ann beag a bha iad. Is bha thu a' cur an tè na bu tioram a-staigh na broinn 's bha thu a' cur còmhdach timcheall le feadhainn nach robh cho tioram. Ghabhadh tu a-mach a rithist ann an seachdainn eile 's bhiodh iad tioram.Dhèanadh tu cruach na bu mhotha an uair sin agus 's dòcha fàgadh tu an uair sin dà oidhche iad. An uair sin, ghabhadh tu a-mach an uair sin, 's thuaghadh tu e leis na ceapan. |
|
Fàdan mònadh ann an coilleagan bheaga a' tiormachadh ri taobh poll-mònadh, Gleann Dail a Deas, Uibhist a Deas, 1977 |
"O,
bha iad a' glèidheadh nan ceapan agus nuair a bhiodh a' mhòine
tioram, dhèanadh iad cruach orra. Bhiodh iad ga tuaghadh le na
ceapan seo. Bhiodh iad ga tuaghadh le na ceapan, agus bha sin ga cumail
tìoram fad a' gheamhraidh. 'S bhiodh iad a' cur na ceapan an taobh
àrd a-staigh, 's an taobh far an robh iad a' geàrradh, an
taobh eile, a-muigh. An taobh àrd a bha a' dol a-staigh, air am
biodh a fraoich, sin an taobh a bhiodh a' dol ris a' mhòine. Bhiodh
iad a' tuaghadh nan coc-mhòine leis na ceapan a bha iad a' toirt
... "ceapan-feanndach" a bhiodh aca orra." |
"Cha
robh sinn a' dèanamh sin idir a-nis, o chionn bha sin ro fhada
bhon rathad. Bha a' mhònach cho fada bhuainn, 's bha sinn
a' dèanamh cruachan air a' pholl-mhònach fhèin, a
dèanamh nan cruachan an a shin fhèin. Agus a-nis nuair a
bhitheamaid a' dol a dh'iarraidh phocanan mònadh, bhitheamaid a'
cath fear de na ceapan a bha seo, a' fosgladh a-mach a' chruach. Bhiodh
e cho tìoram, bhiodh e cho tìoram na broinn. Bhiodh e ga
glèidheadh bhon uisge, nuair a bhiodh an t-uisge a' dol air a'
mhòine. Bha sin ga glèidheadh dìreach mar a bha thu
ga chur anns a' chruach, bha e mar sin nuair a fhosgladh tu a-mach. Bha
i a' pronnadh às a chèile, bhiodh i agad na smuais, co-dhiù
ma bha a' mhòine dhubh." |
Dòmhnall agus Mairead MacGill-Fhaolain ri taobh cruach-mòine mòire a tha faisg air an taigh, Baile MhicPhàil, Uibhist a Tuath, 1958 |
"Bhitheamaid an uair sin a' lìonadh nam pocannan. Bheireadh tu dhachaigh na bha anns a' chruach sin. Cha robh na cruachan ro mhòr idir, is dòcha gum faigheadh tu deich pocanan às, no mar sin. |
"Ann
am poca, poca mar seo, a bhiodh againne. 'S e gadag a bhiodh againn air,
's e gadag a bh' againn air siud ... "Tha e cangailte le gadag"
... air a dhruim. Cha robh sinn a' cleachdadh clèibh airson mòine,
bha feadhainn a' cleachdadh clèibh airson mòine, ach is
ann a bha sinne a' cleachdadh clèibh airson na feamann." |
||
Donnchadh
MacGill-Fhinnein a' giùlan poca mònadh air a ghuaillean
le iris ga cheangal, Eilean Fladaigh, Caolas an Scarp, mu 1920
|
Donnchadh MacAonghais agus Maghaidh, clèibh agus srathair a' crochadh air muin peanan agus plàta-mhurain, Eirisgeigh, mu 1980 |
"Seo
iad a' toirt dhachaigh na mònadh, cha robh eich againne idir airson
a bhith ga slaodadh, no cairt." |
||
|
Cairtean làn de mhòine a' dol dhachaigh le each gan tharraing, faisg air Dùn Bheagain, mu 1960 |
Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-19