A' Ceannachd agus a' Reic: a' Gluasad Bathair air a' Ghàidhealtachd san 19mh Linn agus Tràth san 20mh Linn
English version
|
|
An cala, Port Righ, An t-Eilean Sgitheanach, mu 1814, le Uilleam Daniell |
Ro thoiseach an 19mh linn, bha a' mhòr chuid de dhaoine air a' Ghàidhealtachd gu ìre mhòr neo-eisimeileach a-thaobh bathair bho thaobh a-mach na sgìre aca-fhèin. Cha mhòr nach deach a h-uile rud a chleachd iad a dh'fhàs no a dhèanamh faisg air làimh leis an t-sluagh air an son fèin. Cha robh ceanglaichean eaconomach teann aca ris an t-saoghal taobh a-mach na Gàidhealtachd idir. Bhiodh teaghlaichean nan uachdaran a' chleachdadh nithean a chaidh a dhèanamh air a' Ghalltachd, ged-tà. Beag air bheag, feadh an 18mh linn, nochd nithean am measg nan uachdaran a thàinig bho fiù nas fhaide air falbh. An-sin, anns an 19mh linn, nochd nithean gallda am measg na tuath, nuair a thòisich barrachd dhaoine, fireannaich agus boireannaich, a shiubhal dhan Mhachair Loudie a' sireadh obair fhearainn. |
Aig cùl an deilbh, gu ur làimh dheis, tha eaglais Roghadail. Rinn Alasdair Crotach (Ceann-cinnidh chlann 'ic Leòid Dhun Bheagain agus na Hearadh) ath-thogail oirre, agus tha an tuama aige le snaigheadh eireachdail Gaidhealach ri fhaicinn na broinn. |
|
Roghadal,
Na Hearadh, mu 1814, le Uilleam Daniell
|
Chaidh Loidse Shìphoirt (aig beulaibh an deilbh) a thogail aig deireadh na 17mh linn. Nuair a cheannachd MacMhathain an t-eilean, chuir e an àirde caisteal ùr na àite. Dh' fhaodadh gur e bathair a tha sna soithichean sa bhàgh. |
|
|
Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, mu 1814, le Uilleam Daniell |
"Sailings
Glasgow and the Highlands" a' sealltainn luach-aiseig airson neach-siubhail
agus liosta phrìsean airson bathair air an S.S. Dunara Castle,
bàt-aiseig aig MacCallum, Orme & Co. (am Faoilleach, 1924)
|
S.S.
Dunara Castle ann an Hiort, a' giulan an stuth aig muinntir Hiort air
falbh dhan tìr-mòr, 1930
|
Sheòl an Dunara Castle, bàta-smùide, fad barrachd air 70 bliadhna. A' tòiseachadh ann an 1877, sheòl i gu Hiort anns an t-samhradh. Lùghdaich àireamh nan duine a' fuireach ann an Hiort às dèidh deireadh an 19mh linn. Cuideachd, dh'fhàs muinntir an eilein nas eisimeileach air an tìr-mòr airson bathair agus a leithid. An coimeas ri 73 neach ann an 1920, cha robh ach 37 a' fuireach ann an Hiort ann an 1928. Dh'fhalbh an fheadhainn mu dheireadh 29 an Lùnasdal, 1930. |
Luchd-siubhail ann am bàta, faisg air Machaire, Arainn, ro 1930 |
Air taobh an iar Alba agus anns na h-Eileanan Siar, bha bàtaichean-smùide a' dol gu àiteachan far nach b' urrainn dhaibh faighinn faisg air tìr. Mar sin, b' fheudar dhan luchd-siubhail dhol ann am bàta beag eadar am bàt-smùide agus an tìr. Tha luchd-siubhail agus an stuth aca a' dol eadar Machaire, Arainn agus am bàt-smùide. Tha dithis fireannaich ag iomradh. |
Bhiodh bàtaichean-smùide
( toitich) a' seòladh bhon Uisge Chluaidh gu àiteachan iomallach
air oir-thìr siar na h-Alba agus anns na h-Eileanan Siar. Bheireadh
iad bathar gu àiteachan far nach robh rathaidean. Bha grunnd còmhnard
air slige a' bhàta, agus mar sin ghabhadh am bàta a chur
air an tràigh far an robh bàgh gainmheil.
|
|
A' cur bathair air tìr, Bagh Shanna, Àird nam Murchan, mu 1927 |
|
|
|
A' cur crodh air bòrd S.S. Dunara Castle aig a chidhe ann an Tiriodh, 1946 |
Uaireannan, chaidh
turasan eathair a stèidheachadh an toiseach mar dòigh chunbhalach
air am post a ghiùlain, agus b' ann às dèidh làimh
a chaidh iad an cleachdadh gus bathar agus luchd-siubhail a ghiùlain
cuideachd.
|
|
Fireannaich a' cur pocannan a' phuist air tìr bhon eathair ann an Eirisgeigh, faisg air Uibhist a Deas, mu 1960 |
|
Mar a tha oirthir
iomadh eilein ann an Innse Ghall, tha oirthir Eirisgeigh cho creagach
's gu bheil e doirbh faighinn gu tìr ann am bàta no ann
an eathair. Cha gabhadh turasan cunbhalach a dhèanamh le bàt-aiseig.
Dh'fheumadh iad seòladh aig amannan eadar-dhealaichte, a-rèir
mar a bha an lìonadh. Aig aon àm, ma bha tràigh-mara
mhòr ann, b' fheudar dhan bhàta falbh mun chuairt an eilein
gu Acarsaid, air an taobh eile den eilean. |
|
|
Am bàt-aiseig aig Haun ann an Eirisgeigh, 1971 |
Bha dreuchd
nan ceàrd cudthromach anns an t-saoghal a bh' ann air a' Ghàidhealtachd
ron Dàrna Cogadh. Bhiodh iad a' dol mun chuairt mar a bha nan ceannaiche-siubhail.
Ach bhiodh rudan sònraichte aca ri reic a dhèanadh iad fhèin:
peilichean, sùganan, miasan agus rudan eile a dhèanadh iad
le staoin. Cuideachd, bhiodh iad a' dèanamh rudan mar spàintean
agus cupanan le adhairc no cabar. Gu h-àbhaisteach, cha bhiodh
na ceannaichean-siubhail a' reic ach rudan a cheannaich iad-fhèin
ann an àite eile, dìreach mar a tha bùthan a' dèanamh
san latha an-diugh. |
|
Teaghlach cheàrdan nan suidhe faisg air na bothain aca, air taobh siar Siorrachd Inbhir Nis no Earra-Ghàidheal, mu 1910 |
Bhiodh Mac an Tòisich
a' cosnadh le bhith a' giùlan bathar agus rudan eile airson muinntir
na sgìre. Tha gràpa (goblag) na làmh, inneal feumail
airson lìonadh a' chairt. Tha bràid leathair air an each.
|
|
Robbie
Mac an Tòisich, croitear, le each agus cairt, Ceann a' Ghiuthsaich,
mu 1930
|
|
. |
|
|
A' bhùth aig D & H MacArtair, Sgairinis, Tiriodh, mu 1930. Bha a' bhùth faisg air an cidhe-aiseig, agus b' ise a' phrìomh bùth anns an eilean. A bharrachd air bùth, bha oifis a' phuist agus iarnaireachd anns an togalach. Bha dachaigh an teaghlaich MhicArtair shuas an staidhre, os cionn na bùtha. Air an taobh chlì bha Taigh an t-Sàil, far am biodh iad a glèidheadh salann. Chuireadh iad feòil agus èisg saillte ann an tocsaidean mòra mar an tè a tha air an taobh chlì. Chleachd iad na cliabhan a tha air taobh chlì an dorais gus aran a thoirt dhachaigh bho Glaschu. |
Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-26