A' Dèanamh Feum de Mhuran

English version

 

A' buain a' mhurain le speal, Barraigh, 1950

  

 

 

Bràid mhurain airson eich:
" Leathar a bha i an a sheo, bha taobh a-muigh aice an sheo ann an leathar. An fheadhainn a tha chuimhne agamsa orra, bha taobh ìosal dhiubh air a dhèanamh dhe chlò, air an taobh a bha a' dol ris an each. Is ann coltach ri plangaid a bhiodh e, bhiodh e gu math ... bha e gu math bog ... is 's e clòimh a bh'ann, clò a bha air an fhighe le clòimh. Chan fhaca mi riamh iad air an dèanamh le murain mar seo, chan fhaca. Bha siud spaideil. 'S e leathar a bha an a sheo, leathar a bha as a h-uile sìon."
An t-Eilean Sgitheanach 2002

A' dèanamh sìoman murain, Peighinn nan Aoireann, Uibhist a Deas, mu 1953

 

Bràid mhurain airson eich air a dhèanamh le Iain Dòmhnallach, Sòlas, Uibhist a Tuath, mu 1950. Tha siollachan air mullach na bhràide.

 

Fireannach a' cleachdadh sìoman murain gus plàta-mhurain a fhigheadh, Peighinn nan Aoireann, Uibhist a Deas, mu 1953

 

A' cleachdadh sìoman murain gus a' pheanan fhigheadh air a' phlàta far an tèid an t-srathair a chrochadh

 

 

1 Dà chliabh agus 2 srathair a' crochadh os cionn 3 peanan agus 4 plàta-mhurain air muin eich, Eirisgeigh, mu 1980.

 

    Sìoman murain

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-27