Crodh-bainne
English version
|
""Agus bha an uair sin feamainn eile, 's e feamainn a tha air a' chladach againn. Bha feamainn eile ann, "feamainn-chìrean." Tha i na badan, badan buidhe, agus chan eil i fhèin air an cheangail ri sìon. Agus tha i gu math casarlach. Agus bhiodh iad ga toirt dhachaidh an a sheo as a' gheamhradh agus ga bruich. Bhiodh iad ga bruich dha na chrodh. Bhiodh. Agus a' cur min-choirce, 's docha làn dhùirn de mhin-choirce, agus sin a' thoirt dha na chrodh, bhiodh. Sin agad feamainn-chìrean. Bha i tiugh 's bha an crodh ... bha i a' còrdadh ris a' chrodh. Tha fhios gun robh i math dhan chrodh cuideachd, ach chan eil guth aca ri sin an diugh. Ann am prais mhòir, cha chreid mi nach robh e suas ri uair a thìde no car mar siud, agus is ann nuair a bha e air a bhruich, is ann an uair sin a bha iad a' cur a' mhin-choirce ann, nuair a bha e air a bhruich. Chuireadh iad an uair sin a' mhin-choirce ann, bheireadh iad dhan chrodh e. |
|
Bò bhainne Ghaidhealach agus Coinneach MacNeacail ga bleoghann, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, 1962 |
"
Agus 's e feamainn-chìrean. Is ann sa gheamhradh a bhiodh iad,
's docha gun robh droch gheamradh no droch fhoghar aca. 'S docha gum bhiodh
feur gann, is gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Bheireadh iad sin
as a' chladach ann an cliabh." |
Furm bleoghainn, Arainn, 19mh linn |
"Bha thu a' bleoghainn nam bò an toiseach. Bha miasan agad agus bha thu a' cur sìos a' bhainne anns na miasan. Bha iad agad ann an àite glan, mar bu trice ann am preas, am broinn a' phreas. Bha thu gam fàgail. Bha thu a' leigeil leis faisg air dà latha. Agus ann an latha no dhà, bhiodh uachdar tiugh air. Bha thu a' toirt dheth an uachdair, mar bu trice le slige-chreachainn. Bha thu an uair sin a' cur an uachdair ann an soitheach. |
|
|
Bò bhainne agus boireannach ga bleoghann, Uibhist a Tuath, mu 1950 |
|
"Cho luath 'sa a bha gu leòr agad, bha thu ga chur ann an crannachan-ìme. An uair sin bha thu a' maistreadh. Bha thu a' tòiseachadh sìos is suas, agus cha bhiodh e fada sam bith, gu h-àraidh aig àm blàth dhen bhliadhna, gus an tigeadh an t-ìm air. Dh'fheumadh do làmhan bhith gu math glan. Bha thu a' toirt às an ìm agus ga chur ann an uisge fuar. Bha thu ga nighe. Às dèidh a nighe ann an uisge fuar, bha thu ga bhualadh gus an tigeadh an t-uisge a' mach air fad. Bha thu an uair sin ga chur ann an soitheach 's ga chur air dòigh le gob spàinein. Agus sin agaibh e an t-ìm ùr. Ma bha thu airson an t-ìm fhàgail ùr, cha robh thu a' cur salann idir. Ach ma bha thu airson gum bhiodh e agad greiseag, bha thu a' cur rud beag salann ann. |
|
A' maistreachadh le crannachan-ìme, Nis, Leòdhas, 1940s |
|
|
"Bha a' bhlàthach air fhàgail. Bha thu ga cleachdadh airson fuine. Dh'fhaodadh tu dèanamh sgonaichean leis a' bhlàthach. Bha e uamhasach math airson òl. |
|
A' fuine air greideal aig an teine, Gleann Afraig, 1947 |
"'S e "bainne tiugh" a bha ann am bainne a bha air fhàgail anns na miasan as dèidh dhut toirt dheth an t-uachdar. Bha thu an uair sin ga chur ann am pana mòr ri taobh an t-stòbha. Cha robh thu ga chur air teas làidir idir, ach teas socair. Bha thu ga fhàgail an-sin agus nuair a choimheadadh tu air sin a rithist, bhiodh e air tighinn na ghruth. Cha bhiodh agaibh ach an gruth sin a thogail às. Mar bu trice bhiodh sinn ga chur ann an clò de mhuislin agus ga cheangail a' crochadh. |
|
|
Gruth |
An t-uisge a dhòirteadh a-mach às, bha thu a' leigeil leis sileadh sìos, agus na bha air fhàgail anns a' phana, 's e meang. Dh'fhaodadh tu sin a chleachdadh. Bha meang math airson fuine. Agus bha e math latha teth, bha e math airson deoch. Bhiodh e againn uaireannan as a' mhòintich nuair a bhiodh i teth. Cha robh càil a' dol a dhith. Chaidh a h-uile càil a chleachdadh airson rudeigin. |
"Bha gruth a-nis agad ri dheasachadh. Bha thu ga chur ann an soitheach agus bha thu ga fhuine le do làmhan. Thigeadh e an uair sin dlùth ri chèile. Bha e a' dol dlùth ri chèile mar chàise, cha mhòr. Bha e math air aran coirce. Nan robh thu airson gruth is uachdar a dhèanamh a-nis, bha thu a' cur rud beag uachdair dhan gruth 's bha e uamhasach math. Ma bha thu a' dol a dhèanamh pìos dhut fhèin, chuireadh tu rud beag uachdair ann an gruth. Bha daoine dèidheil air sin 's tha iad dèidheil air fhathast. Aig aon àm, nuair a bha gruth gu leòr againn, bha sinn a thoirt tòrr dheth cuideachd dha na cearcan. An-diugh, phàigheadh thu not airson cnapan beag dheth. |
|
||
A' fuine aran-coirce air greideal aig an teine |
Bean Aonghais Dhòmhnallaich a' biathadh nan cearcan, Cinn a' Gàrraidh, Mòrar, mu 1905 |
Fiodhan airson càise a dhèanamh, Tiriodh, 19mh linn |
"Rud
eile a bha iad a' dèanamh leis a' ghruth, chan fhaca mi riamh e,
ach bha preas agad, bogsa fiodh. Bha thu a' cur a' ghruith na bhroinn.
Bha mullach air seo agus bha thu a' cur clach mhòir no rudeigin
trom air mullach a' phris. Chan eil cuimhne agam dè an ùine
a dh'fheumadh e a bhith ann, ach bhiodh e a' dol na chàise." |
|
Iseabal MacGillEathain a' cleachdadh fiodhan (preas) airson càise, Tiriodh, 1920s |
Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-07-10