A' dathadh na clòimhe le guirmean

English version

O chionn linntean, chleachd boireannaich na Gàidhealtachd an glas-lus (Isatis tinctoria), lus a dh'fhàsadh gu math ann an Alba. Gheibheadh iad dath gorm coltach ri guirmein bhon ghlas-lus, air sgàth 's gum bheil an aon stuth-datha ann. Chan e nach robh an glas-lus ag obair gu math, ach dh'fheumadh am boireannach mòran den ghlas-lus a dheasachadh gus dath làidir fhaighinn. A bharrachd air sin, 's e lus a dh'fheumas mòran fearainn agus tòrr obrach r' a fhàs a tha anns a' ghlas-lus. Ma dh'fhaoidte gur ann air sàilleabh sin gun do sguir iad a bhith a' fàs a' ghlas-lus. Cha robh fearann pailt aca fiù 's gus biodh a fhàs. A-rèir coltais, dhì-chuimhnich an sluagh na dòighean air a' ghlas-lus àiteachadh agus a chleachdadh ron 19mh linn.

Aig àm a' Bhun-os-cionn Tionnsgalach, dh'èirich malairt guirmein (Indigofera tinctoria) mar gnìomhachas mòr air feadh an t-saoghail. Mar sin, dh'fhàs guirmean a thàinig bho dhùthchannan-cèin furasda fhaighinn bho cheannaiche-siubhail. Beag air bheag, tro na ginealaich, thòisich boireannaich air guirmean a cheannach air sàilleabh 's gun robh e deiseil mu thràth gus a' chlòimh a dhathadh. Anns am 20mh linn, dh'fhàs guirmean furasda r' a lorg anns na bùithtean.

Glas-lus (Isatis tinctoria)

 

Seo mar a chleachd iad guirnean: Glèidh iad mùn goirt ann an tuba mòr le mullach air gus an robh gu leòr aca. Dh'fheumadh iad am mùn a chumail meadhanach blàth daonnan agus mar sin, chum iad an tuba anns an taigh ri taobh an teine. Chuireadh iad guirmean (ann am poca canaich) am bogadh anns an tuba mùin. Chleachd iad mu ùnnsa guirmein còmhla ri punnd clòimhe. Dh'fheumadh iad am poca fhàsgadh agus shuathadh le làmhan gach trì làithean gus an tigeadh an dath a-mach.

Chleachd iad sealbhag (Rumex acetosa) mar bhuanaitheoir (a bharrachd air mùn goirt). Chuir iad freumh agus gas na sealbhaig glan ann an uisge (uile gu lèir, gun a bhith ga ghearradh no ga bhristeadh). Chleachd iad punnd sealbhaig agus pinnt uisge. Ghoil iad sin gus an robh sùgh gu math làidir ann. Bheireadh iad am poca guirmein às an tuba, 's chuireadh iad sùgh na sealbhaig ann. Às dèidh dhaibh a' chlòimh a fhliuchadh ann an uisge teth glan, chuireadh iad a' chlòimh ann an tuba le seòrsa de mhullach air. Bhiodh iad ga bogadh fad tri làithean. Gach latha, dh'fheumadh iad a' chlòimh a ghluasad rud beag.

Cha bhiodh aon bhogadh gu leòr gus dath làidir a chur air a' chlòimh. Dh'fheumadh iad a' chlòimh a bhogadh iomadh turus gus dath làidir dorcha fhaighinn. Dhèanadh iad an aon rud leis an t-sùgh shealbhaig agus a' phoca guirmein uair is uair eile, gach trì laithean fad cola-deug co-dhiù. Uaireannan, bhiodh iad ga bogadh fad ceithir seachdainean gus dath ceart fhaighinn. Cha robh aca ri uisge goileach a chleachdadh gus dath guirmein a chur air clòimh.

 

 

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-04-22