Feàrsaid agus Cuigeal

English version

Tha feàrsaid agus cuigeal a' dol fada air ais ann an eachdraidh a' chinne daonna. Cha robh inneal-snìomh eile ann air an t-saoghal gus mu 1000 AD. Cha robh cuidheall-shnìomha ann idir ann An Roinn Eòrpa ron 16mh linn, co-dhiù an seòrsa air am bheil sinn eòlach. Fiù san latha an-diùgh, tha feàrsaid na prìomh inneal airson snìomh ann an iomadh àite iomallach air feadh an t-saoghail.

Bho chionn fhada air a' Ghàidhealtachd, 's e feàrsaid no dealgan a bha air a chleachdadh airson snàth chlòimhe agus lìn a shnìomh. Bha dà sheòrsa feàrsaid ann . Bha cnap beag aig ceann gach aon. Aig bonn na feàrsaid, bha seòrsa de roth. 'S e "tròman" a theirte rithe uaireannan. 'S e cearcall fiodha, cloiche, crèadha, cabair no meatailt a tha ann an tròman. Tha an cuideam a tha innte a' toirt air an fheàrsaid a cumail a' dol nas fhaide. Bha seòrsa eile feàrsaid ann a bha nas coitcheann anns an 19mh linn agus an 20mh linn. 'S e maide-fhiodha a bha ann, ach cha robh tròman ann aig bonn a' mhaide. Aig a' bhonn, bha an fheàrsaid na bu tighe agus b' e an cuideam seo a bha a' cumail na fearsaid a' tionndadh.

Bha an obair snìomh le feàrsaid gu math slaodach, ach b' urrainn dhan bhana-snìomhadair dol mun cuairt 's obair eile a dhèanamh aig an aon àm, rud nach b' urrainn dhi a dhèanamh le cuidhle-shnìomha. Fo h-achlais bhiodh cuigeal aice, inneal air an robh clòimhe a bha deiseil airson snìomh.

 

Mairead Mhòr, Eirisgeigh, 1899, le cuigeal air a bheil clòimhe agus feàrsaid gun tròman

 

 

.

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-04-22