A' Fasgnadh Sìl

English version

 

"Bha sinn ag obair air a' chroit air a h-uile càil. Bha sinn a' fàs an arbhair againn fhèin dha na chrodh. Bhiodh sinn a' bualadh a' choirce, ga bhualadh, ga fhrasadh, ga bhualadh le maide. Ach an t-eòrna, bha sinn a' cur eòrna, agus is ann ga shuathadh a bha sinn air sin, ga shuathadh gus an robh an t-sìol a' falbh dheth. Agus an uair sin ga chliathadh le cliathair gus dh'falbhadh am moll às. Am moll a' falbh leis a' gaoithe agus bha an t-sìol a' tuiteam dhan '"chas-chliathair." 'S bha am moll a' falbh. Bha sinn an uair sin a' pronnadh sin le spaid ann an tuba gus falbhadh a h-uile sgail dhen mholl dheth. 'S bha sinn a' cur an t-sìol sin, tionndadh an talmhainn an toiseach agus a' cur todhair air, agus ga ràcadh. 'S e an t-eòrna a bha sin. Coirce, cha robh sinn ach ga fhrasadh, coirce beag, ga bhualadh, cha robh sinn ach ga fhrasadh. Bha tòrr obair air an eòrna, ach o, bha e math dha na chrodh. Cha robh daoine a' ceannachd feur an uair ud no càil dha na chrodh ach dìreach ga dhèanamh le spaid."
An Sgarp 2002

Uilleam Leslie a' fasgnadh coirce, Barkland, Fair Isle, Sealtainn, 1920. Tha an duine a tha a' fasgnadh coirce ga fhrasadh às a' chiosan-mine leis a làimh dheis. Tha sìol a' tuiteam air a' phlàt-fhasgnaidh is moll a' falbh leis a' ghaoith. Tha am plàt-fhasgnaidh beagan coltach ri plàta-mhurain airson eich, a bhiodh a' dol fon t-srathair air am biodh na clèibh a' crochadh, ach cha bhiodh e cho teann ri plàt-eich.

 

" 'S a-nis, nuair a bhiodh bràthair m'athair, nuair a bhiodh iad ga frasadh, bha mar gum biodh ann an còrner dhen t-shed, bha maide aige a' dol tarsainn mar sin anns a' chòrner agus bha crochte ris a' mhaide, bha poca. Agus sìos chun an làr, agus bha e air a chumail le fiodh gu h-ìosal cuideachd. Agus bha am poca seo mar gum biodh triangle. Bha e dìreach mar gum biodh maide-tarsuinn mar sin, 's bha a' phoca a' dol sìos mar seo air an oir, bha e air a dhùnadh.

"Bhiodh e a' tighinn leis na sgùaban, a' tighinn far a bhualadh e na sguaban leis a' maide a bha seo ... a' mhaide a bha a' dol tarsuinn mar seo, air an robh poca chrochte. Pìos fiodh a bha a' dol tarsainn. 'S bha am poca a bha seo a' tighinn a nuas mar gum biodh cuirtear air a cheangail air an fhiodh air a' mhullach, a' tuiteam sios chun an làr. Bha rud eile air chumuail air a' bhottom airson nach tigeadh e a-mach. Agus bha e bualadh na sguab air beul a' mhaide. 'S bha an t-sìol a' tuiteam far na sguab agus bha e a' dol sìos air cùl a' phoca. Sìol a' dol sìos. Bhiodh iad an uair sin ga thoirt a-mach 's ga sgaoileadh agus bha a' gaoth a' falbh leis na rudan beag."
Na Hearadh 2002

A' fasgnadh sìol, Sealtainn, 1961. Tha am fireannach a' fasgnadh a-muigh far am biodh a' ghaoth a' giùlan a' mhuill air falbh. Tha an sìol a' tuiteam bho a mheòir air aodach-cainbe air an talaimh. Bhiodh sin a' glanadh an t-sìl mus rachadh e a thiormachadh agus a bhleith. Tha ciosan-mine air an talaimh air chùl an fhireannaich.

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-06