Iasgach air a' Ghàidhealtachd san 19mh Linn agus Tràth san 20mh Linn
Thàinig atharrachadh mòr air bailtean mar Obar Dheathain mu 1880 nuair a dh'èirich gnìomhachas an sgadain. Bha iarrtas mòr ann airson sgadain saillte anns a' Ruis agus anns a' Ghearmailt. Bhiodh daoine ri obair an sgadan bhon Òg-mhìos gu deireadh na Sultaine. Aig an àm ud, bha barrachd air 450 bàtaichean a' cleachdadh Obar Dheathain mar phort. Bha cutadh sgadain na obair airson boireannaich a-mhàin. Dhèanadh iad a h-uile càil a-muigh, gun fhasgadh. Bhiodh fireannaich a' dèanamh baraillean agus gan lìonadh le sgadan. |
|
|
Cutairean sgadain, Obar Dheathain, 1883 |
Dh'fheumadh boireannaich a bha ris an obair a bhith a' feitheamh, deiseil airson tòiseachadh, cho luath 's a nochd na bàtaichean iasgach làn de sgadan. Nochdadh na bàtaichean gu àbhaisteach anmoch air an fheasgair no tràth sa mhadainn. Bhiodh na boireannaich ag obair gu math anmoch air an oidhche, a' cutadh sgadain agus gan dèanamh deiseil airson cur air falbh chun na Mara Baltic. Uaireannan bhiodh iad ag obair dusan uairean ann an latha. |
Theireadh iad "farlin" ris an amar mhòr fiodha far an robh na cutairean ag obair. 'S e seòrsa de chlais fiodha a bha ann agus bha i gu math domhainn. Bhiodh na cutairean a' cromadh os cionn na farlin ann an dòigh a bha uamhasach mì-chofhurtail dhan dhruim. Cuideachd, bhiodh an t-uisge fuar saillte a' goirteachadh craiceann nan làmh is gam fàgail làn leòn a mhaireadh mìosan.
|
|
Cutairean sgadain, Ceann Phàdraig, eadar 1880-1910 |
Ghearradh na cutairean na sgadain le sgian, agus bheireadh iad na mionaich is na giuranan às. B' urrainn do chutairean math eadar deich air fhichead agus leth-cheud sgadain a chutadh taobh a-staigh aon mhionaid. Rachadh na sgadan a chutadh, a measgachadh le salann, agus a chur anns na baraillean ann an dòigh sònraichte, gu math teann ri chèile. Lìonadh iad am baraille agus chuireadh iad mullach air. Dh'fhàgadh iad e fad ochd làithean. An sin, dh'fhosgladh iad uair eile e. Cuireadh iad tuilleadh sgadan ann a bhiodh dìreach den aon mheudachd agus air an sailleadh dhan aon ìre. Dhùineadh iad na baraillean uair eile às dèidh dhaibh gach baraille a lìonadh le uisge saillte. |
Thug cosnadh nan cutair spionnadh do na coimhearsnachdan air costa sear na h-Alba. Beag air bheag thòisich cutairean bho costa siar na Gàidhealtachd agus bho na h-Eileanan Siar a bhith a' siubhal gu taobh an ear, 's bhiodh iad ris a' chutadh fad an t-sèasan. Cha robh gin de na cutairean cho math ris an fheadhainn a thàinig às a' Ghàidhealtachd agus à Sealtainn. Bha iad-san eagallach sgileil air an obair a chutaidh. Ach, 's e obair uamhasach cruaidh a bha ann. Bhiodh iad ag obair fad sèasan, agus thigeadh iad dhachaidh le glè bheag de dh'airgead. Cha b' e obair a bheireadh tòrr cosnaidh a bha' ann an obair nan cutair. |
|
Cutairean sgadain ag obair mu chuairt air "farlin," An Nis a Tuath, Lèiruig, Sealtainn, mu 1890. Tha basgaidean agus tubannan fiodha am broinn na farlin agus tha mòran bharaillean faisg air làimh. Tha aparanan dìon air na boireannaich, còmhla ri seàlaichean air an guailnean agus air an ceann. |
|
Mu 1910 cha robh na fastaidhearan a' faighinn luchd-obrach gu leòr aca agus chuir iad an tuarasdal an àrd bho trì notaichean gu còig notaichean airson sèasan gus tuilleadh cutairean fhastadh. |
|
Clann-nighean an sgadain, Ulapul, mu 1900. Dh'fheumadh apranan dìon a bhith air na boireannaich a bha ag obair timcheall air farlin fiodha. Anns an dealbh gabhaidh tè fhaicinn a tha a' cromadh os cionn na farlin. Tha iomadh baraille rim faicinn air chùlaibh nam boireannach, deiseil rin lìonadh. Nan robh iad làn de sgadan, cha bhiodh na baraillean ach dà no trì ìrean àrd air sàilleabh 's cho trom 's a bhiodh gach fear dhiubh. |
Gidheadh, cha bhiodh na cutairean a' faighinn mòran dhen tuarasdal aig tòiseach an t-sèasain. Chumadh am fastaidhear pàirt den tuarasdal mar a bha an sèasan a' dol seachad, gus deireadh an t-sèasain. Gu ìre, dhèanadh am fastaidhear sin gus an luchd-obrach a chumail a' dol fad an t-sèasan. Nuair a bha na cutairean air falbh chun an sgadain, bhiodh rudeigin mar chianalas a tighinn orra uaireannan. Ma bha iad a' faireachdainn nach b'urrainn dhaibh cumail a' dol, agus iad ag iarraidh a dhol dhachaigh, bheireadh e buaidh orra ma bha cuid mhòr den tuarasdal aca air a cumail air ais gus deireadh an t-sèasain. Mur robh am fastaidhear a' toirt dhaibh ach rud beag anns an aithghearrachd, dh'fheumadh iad fuireach. |
|
Ron àm a' Chogaidh Mhòir, bha gnìomhachas an sgadain air leth soirbheachail, ach bha cutairean fhathast a dhìth aig na fastaidhearan. Mu 1912 bha feadhainn dhiubh a' dol timcheall air a' Ghàidhealtachd a' lorg cutairean. Bha feadhainn dhiubh a' sanasachadh anns na pàipearan-naidheachd anns an t-Suain an uair sin, 's iad a' feuchainn ri cutairean fhaighinn a-null bho an-sin. Ach, cha deach leotha glè mhath leis a sin. Cha robh mòran Shuainach ag obair mar chutairean ann an Alba a-riamh. |
|
Clann-nighean an sgadain à Leòdhas, Yarmouth, mu 1920. Shiubhail "clann-nighean an sgadain" bho àiteachan mar Leòdhas fada is farsaing, fiù gu Sasainn, gus obair mar chutairean fhaighinn. |
Ri linn an sgadain, dh'fhàs Mallaig a bhith na phort iasgaich. B' e sin am port iasgaich as cudthromaiche a bh'ann airson bàtaichean-sgadain eadar An Oban Lathurnach agus An Eilean Sgitheanach. Nuair a thàinig an rathad-iarainn agus an cidhe ann an 1901, mheudaich Mallaig ann an ùine goirid. Cho luath 's a ràinig an rathad-iarainn Mallaig, thòisich bàtaichean a bha ag iasgach air a' Chuan Sgìthe (taobh deas den Mhaoil) agus air taobh deas Ceann Bharraigh a' tighinn gu Mallaig gus sgadain a reic. |
|
|
Mallaig, tràth san 20mh linn |
|
|
|
Boireannaich a' giùlan clèibh làn de iasg, Siorrachd Bhanbh, mu 1900 |
Mu thoiseach an 20mh linn, bha bàtaichean-siùil agus bàtaichean-smùide bitheanta. Ach chaidh linn nam bàtaichean-siùil a chrìonadh. Goirid às dèidh sin, cha robh seòl ri fhaicinn ach air bàtaichean beaga agus air eathraichean. |
|
|
Bàtaichean iasgaich, Ceann Phàdraig, mu 1900 |
|
Mhair iasgach mar obair riatanach do choimhearsnachdan croitearach anns na h-Eileanan Siar agus anns na h-Eileanan mu Thuath anns an 20mh linn. Chleachd an sluagh eathraichean agus bàtaichean-siùil airson iasgach. A bharrachd air sin, bheireadh eathraichean agus bàtaichean bathar gu àiteachan far nach robh ròidean agus far nach gabhadh bàta-smùid fhaighinn faisg air tìr. |
|
Eathar agus bàta-iasgaich, Loch Ròdhaig, Uig, Leòdhas, mu 1920-40 |
|
||
Eathar-iasgaich le seòl, Barraigh, mu 1930 Theirear
"lugsail " ri seòl mar sin anns a' Bheurla. Tha tarraing
an t-siùil a' cromadh 's a' crochadh faisg air bàrr a' chrainn.
Tha seòl ceithir-cheàrnach air a' tharraing.
|
Eathraichean iasgaich, Caolas Siolaigh air taobh iar-thuath Phabaigh eadar Uibhist a Tuath agus Na Hearadh, mu 1930 Tha crann
an eathair air an taobh chlì airson seòl ceithir-cheàrnach
agus tarraing-cromaidh (lugsail). Bha cumadh an eathair air an taobh dheas
nas coitcheann anns na h-Eileanan Siar. Tha slat-shiùil 's seòl-toisich
oirre. Mar thoradh air cho creagach 's tha an cladach, 's cho còmhdaichte
le feamainn, tha an cladach a tha seo uamhasach freagarrach airson iasgach
giomaich. Ach, cha gabhaidh bàtaichean mòra fhaighinn faisg
air a' chladach idir. |
|
||
Ag obair air clèibh-ghiomach, Poll a' Charrar, Uibhist a Deas, 1934 Tha mullach
na clèibh air a dhèanamh le slatan calltainn. Tha bonn na
clèibh còmhnard 's tha bàrr na clèibh cruinn.
Tha bàrr na clèibh air a chuartachadh le lìon-iasgaich,
ach tha toll cruinn ann am bàrr na clèibh ris a theirear
"sùil na clèibh." Thèid giomach tron t-sùil,
agus chan fhaigh e a-mach tuilleadh aon uair 's gu bheil e na bhroinn.
|
Ailean MacEalbhaidh agus a bhràthair le slatan-iasgaich agus gad èisg, Eirisgeigh, mu 1930 Iasgairean
a' dol a dh'iasgach saoithean le slatan a rinn iad-fhèin no a
rinn cuideigin dhaibh. Bhiodh iad a' caitheamh na driamlaich thairis
air a' mhuir leis an t-slat. Bhiodh an dubhan 's am biathadh a' fuireach
dìreach fo uachdar na mara 's a gluasad leis an t-sruth os cionn
nan èisg. |
Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-05-07