Nigheadaireachd
English version
"A' nighe an aodaich, aca a-muigh aig an doras. Bhiodh iad ga dèanamh, 's dòcha a h-uile latha no a h-uile darna latha." |
|
|
Ris an nigheadaireachd, a' cleachdadh tuba a chaidh a dhèanamh à bharail fiodha, Cinn a' Gàrraidh, Mòrar, 1905 |
"
'S e "basgaid" a tha seo. Prais, bhiodh iad ga cleachdadh airson
dathadh cuideachd. 'S e "tuba" a bhiodh againn air siud, "tuba
fiodh". |
|
Boireannaich ris an nigheadaireachd a' stampadh aodaich no phlaideachan ann an tuba fiodha air a dhèanamh à bharail a chaidh a gheàrradh an an dà pìosan, An t-Eilean Sgitheanach, 1910 |
|
"Nuair nach biodh iad gan feumachdainn, bhiodh iad gan lìonadh le uisge, neo nan tiormachadh iad, bha iad air tuiteam às a chèile. Cha robh iad ach air an cumail le chèile leis na bannan a bha seo timcheall orra, 's nan tiormachadh iad cus, thuiteadh iad às a chèile. Bhiodh iad gam fàgail làn uisge airson gum fuiricheadh iad ... gu'm biodh iad dìonach. |
"Cha
bhiodh iad a' bruich nam plaideachan idir, bhiodh iad a' teasachadh an
t-uisge an a-sheo. Bhiodh iad gan nighe anns an tuba seo, bhiodh iad an
uair sin gan cur ann a-sheo. 'S dòcha gum biodh dithis aca, tha
mi a' creidsinn, bhiodh iad gan lìonadh seo leotha. Bhiodh iad
a' falbh daoine air gach taobh dheth, 's gan toirt dhan abhainn, 's a'
cur uisge fuar orra, a' toirt às an t-siabain san abhainn. |
|
|
Boireannaich ris an nigheadaireachd, An t-Eilean Sgitheanach, 1910 |
"Siud
againn cuideachd, 's e mar gum biodh "aluminium" a bh' annta
siud. 'S e "bath" a bh' againn orra, fhios a'd, 's "handle"
aig gach ceann dheth. Bha iad eadar-dhealaichte dhan tuba, tuba fiodh,
's e an fhear eile dhiubh siud, airson nighe nam plaideachan." |
|
A' nighe nam plaideachan, Beàrnaraigh, Leòdhas, 1959 |
|
Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-16