Aodach air a' Ghàidhealtachd anns an 19mh Linn

English version

Murchadh MacGillIosa, fear aiseig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, 1811

Gilleasbaig Dòmhnallach, aois 86, An t-Eilean Sgitheanach, 1811

Alasdair Rothach, fear aiseig, An t-Eilean Sgitheanach, 1811

 

Cha deach fireannaich na Gàidhealtachd air ais dhan fhèileadh mhòr às dèidh 1782, ged nach robh e toirmisgte tuilleadh. Anns an 19mh linn, dh' fhàs aodach nam fireannach nas coltaiche ri aodach fireannaich na Galltachd.

Mu thoiseach an 19mh linn, bha aodach a chaidh a dhèanamh air a' Ghalltachd a' nochdadh air a' Ghàidhealtachd. Bha barrachd dhaoine ag obair air a' Mhachair Lodaidh pàirt dhen bhliadhna, agus bheireadh iad aodaich is goireasan dhachaigh.

Gu h-àraidh anns na sgìrean far nach robh talamh gu leòr aig an tuath, chaidh àireamh nan daoine a bhiodh ag obair air falbh am meud. Cha b' urrainn dhaibh math a thoirt às an talamh no caoraich a chumail leis cho beag 's a bha de thalamh aca. Anns na sgìrean far am b' urrainn dhan tuath clòimh fhaighinn, chleachdadh iad aodach a chaidh a dhèanamh anns an dachaigh.

Muinntir na buana a' siubhal gu obair foghair air a' Mhachair Lodaidh, mu 1830

  

 

Gu h-àraidh anns na h-Eileanan Siar, bhiodh na boireannaich a' dèanamh geansaidhean, briogaisean, bonaidean agus stocainnean airson nam fireannach, agus iad uile air an dhèanamh le snàth a rinn iad anns an dachaigh. Chleachd iad pàtranan sònraichte anns na geansaidhean.

Ach air a' Ghàidhealtachd, cha do nochd a' chuidhle-shnìomha airson ùine mhòr às dèidh dhi nochdadh ann an àitechan eile. Cha robh i cumanta am measg nan daoine bochda air a' Ghàidhealtachd anns an 18mh linn no sa chiad pàirt den 19mh linn.

Bho chionn fhada, 's e feàrsaid no dealgan a bha air a chleachdadh airson snàth chlòimhe agus lìn a shnìomh. Bha dà sheòrsa feàrsaid ann air a' Ghàidhealtachd. Bha cnap beag aig ceann gach aon. Aig bonn na tè san dealbh, tha seòrsa de roth. 'S e "tròman" a theirte rithe uaireannan. 'S e cearcall fiodha, cloiche, crèadha, cabair no meatailt a tha ann an tròman. Tha an cuideam a tha innte a' toirt air an fheàrsaid a cumail a' dol nas fhaide. Bha seòrsa eile feàrsaid ann a bha nas coitcheann anns an 19mh linn agus an 20mh linn. 'S e maide-fhiodha a bha ann, ach cha robh tròman ann aig bonn a' mhaide. Aig a' bhonn, bha an fheàrsaid na bu tighe agus b' e an cuideam seo a bha a' cumail na fearsaid a' tionndadh.

Boireannach a' snìomh lìn le feàrsaid le tròman agus cuigeal, 18mh linn

 

Aodach-cinn air muinntir Hiort, mu 1875

 

Chan eil tròman ri fhaicinn air an fheàrsaid sna dealbhan seo.

Bha an obair snìomh le feàrsaid gu math slaodach, ach b' urrainn dhan bhana-snìomhadair dol mun cuairt 's obair eile a dhèanamh aig an aon àm, rud nach b' urrainn dhi a dhèanamh le cuidhle-shnìomha. Fo h-achlais bhiodh cuigeal aice, inneal air an robh clòimhe a bha deiseil airson snìomh.

 

Mairead Mhòr, Eirisgeigh, 1899, le cuigeal air a bheil clòimhe agus feàrsaid gun tròman

 

Aonghas O Hianlaidh, mac Alasdair Mhòir, Mairead Mhòr agus Catrìona O Hianlaidh nan seasamh, agus Gilleasbaig MacÌosaig 's Ceit Bhàn nan suidhe le aiseid fhiodha no clàr-fuine, Eirisgeigh, 1899

 

Gu tric, chleachd boireannaich sgiortan clòimhe dubh-ghorm. Gus gorm dorcha fhaighinn, chleachdadh an dathadair guirmean, stuth-dhath a ghabhadh a cheannach bho bhùth air neo bho cheannaiche-siubhail. O chionn linntean, b' àbhaist daoine a' bhith a' fàs guirmein no glas-lus (Isatis tinctoria) ann an Alba, ach thòisich iad guirmein a cheannach a thàinig bho dhùthchannan-cèin (Indigofera tinctoria).

Cuideachd, chleachd boireannaich sgiortan a bha air a dhèanamh le drògaid. Bha dlùth lìn agus cur clòimhe ann an drògaid agus bha sreathan de dhathan eadar-dhealaichte a' ruith bho bhonn gu bàrr. Mu dheireadh, nochd drògaid air a dhèanamh le dlùth canaich. Bhiodh boireannaich a' ceannachd drògaide; cha b' e stuth a dhèanadh daoine air a' bheairt ann an dachaigh gu àbhaisteach. A rèir coltais, cha bhiodh fireannaich a' cleachdadh aodach drògaide idir.

A' Bhean Phòsta NicDhugaill, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, 1811

 

Màiri Nic a' Phearsain aois 82, a' giùlain clèibh, feàrsaid agus cuigeal le clòimhe, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, 1811

 

Bhiodh boireannaich phòsta a' cleachdadh brèid lìn gheala trì-cheàrnach no muidse (bonaid lìn gheala). Mhair an cleachdadh gu deireadh na 19mh linn, ach mhair a' mhuidse nas fhaide na mhair am brèid. Dhèanadh iad seòrsaichean muidse eadar-dhealaichte ann an sgìrean fa leth.

A' Bhanntrach NicLeòid, Scalpaigh, Na Hearadh, 1899

Ceit NicLeòid, ogha na Banntraich NicLeòid, Scalpaigh, Na Hearadh, 1899

Oighrig NicCruimein, Hiort, mu 1860

 

Mhair na seann dòighean obrach na b'fhaide anns na h-Eileanan an Iar na àite sam bith eile. Am measg iomadh rud a bha ceangailte ri obair calanais nam boireannach, 's e an luadhadh a dh'fhàg barrachd buaidhe air beachd-smaointean dhaoine gus an latha an-diugh. Rinn iad an luadhadh gus an clò a dhèanamh tiugh, agus lòineag a chur air. Cuideachd, rachadh an clò a ghlanadh aig an luadhadh.

 

Boireannaich a' luadhadh clòtha, Eirisgeigh, 1899

 

Dh'fhàs blobhsaichean canach nòsach air a' Ghàidhealtachd, an dà chuid le muinichillean goirid no muinichillean fada. Ma dh'fhaoidte gu bheil sgiortan drògaide le sreathan de dhathan eadar-dhealaichte air feadhainn de na boireannaich a tha seo.

Boireannaich a' luadhadh clòtha, Eirisgeigh, 1899

 

Aig deireadh na 19mh linn, bha stuth-aodaich de sheòrsaichean eadar-dhealaichte ann air feadh na Gàidhealtachd. Tha blobhsaichean canach le putanan, sgiortan, aparanan sgeadaichte agus fiù brògan rim faicinn air na boireannaich seo. Tha Ceit Chaimbeul a' cleachdadh dreasa clòimhe a rinn tàillear le obair-ghrèis air mar sgeadachadh.

Boireannaich à Eirisgeigh, 1899 (Raonaid Chaimbeul, an dàrna tè bhon làimh chlì, agus Màiri Chaimbeul, an tè as fhaide chun na làimh deis)

 

Ceit Chaimbeul, Eirisgeigh, 1899


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-01-27