Dachaighean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan mu Thuath san 19mh Linn agus Tràth san 20mh Linn

English version

  • Cruth-thogail taigh-thughaidh
  • Mullaichean tughaidh

" 'S e clobha a bhiodh aca nuair a bhiodh iad a' smàladh an teine. Bha thu a' toirt na h-èibhleagan a-mach às an teine agus iad dearg. Bha thu gan cur as an luaithreach. Bha thu ag èiridh as a' mhadainn agus bha thu a' toirt na h-èibhleagan a-mach às an luaithreach. Bha thu gan cur anns an àite teine agus bìdeag de mhòine cuideachd, agus bha thu ga teasachadh a rithist airson do thì. Bha thu gan cur sìos anns an luaithreach agus cha leigeadh an luaithreach leotha losgadh."
An t-Eilean Sgitheanach 2002

 

Taigh a' bhreabadair, Ile, mu 1772

 

Cruth-thogail taigh-thughaidh

Anns an 19mh linn, bha ballaichean nan taighean-tughaidh eadar-dhealaichte ann an sgìrean fa leth air feadh na Gàidhealtachd. Bha ballaichean singilte bitheanta air an tìr-mòr, gu h-àraidh air taobh an ear na Gàidhealtachd. Ach bha ballaichean dùbailte bitheanta anns na h-Eileanan an Iar. Bhiodh am balla-muigh agus am balla-staigh air an dèanamh le clachan. Eatorra, bhiodh talamh, gainmheach no sgrathan agus cuideachd clachan beaga. Dhèanadh iad ballaichean le stuth a ghabhadh a chruinneachadh faisg air làimh.

 

Làrach taigh-thughaidh ann an Leòdhas, mu 1859

 

Cruth-thogail taigh-thughaidh le ballaichean dùbailte

1 an tobhta
2 am balla-muigh
3 am balla-staigh
4 na ceangail (na ceanglaichean)
5 na clèithean
6 an taobhan àrd
7 an taobhan ìosal
8 an spàrr
9 an cabar-droma (an gad-droma, am maide-droma, an laom-chrann, an taobhan-mullaich)
10 na cabair
11 na sgrathan
12 an tughadh
13 na h-acraichean

 

Sealladh bho thaobh air taigh-tughaidh, Arnol, Leòdhas, mu 1885

 

Roinnean mullach taigh-thughaidh

1 an cabar-droma (an gad-droma, am maide-droma, an laom-chrann, an taobhan-mullaich)
2 a' chorr (na corra-thulchann)
3 an roinn-oisinn (na cabair-oisinn, na maidean-oisinn
4 am maide-feannaig)
5 na ceangail (na ceanglaichean)
6 na clèithean
7 an taobhan àrd
8 an taobhan ìosal
9 na cabair

Sealladh bh' os cionn air mullach taigh-thughaidh, Arnol, Leòdhas, mu 1885

 

 

Anns na h-Eileanan an Iar, bhiodh ballaichean le dòmhlachd sia troighean ri fhaicinn ann am bitheantas. Ghabhadh sin fhaicinn fiù ann an taighean de mheudachd cho beag ris an fhear ann an Hiort le crùb am broinn a' bhalla.
Thogadh iad balla tarsuinn fiodha (tallan) mu thrì troighean a dh'àrd eadar a' bhàthach agus an taobh àrd far am biodh an teaghlach aig an teine.

Cumadh taigh-thughaidh, Hiort, mu 1859. Tha "crùb" a' ciallachadh leabaidh am broinn a' bhalla.

 

An toiseach cha robh ach fairleus anns a' mhullach gus ceò na mònach a leigeil a-mach. Cha bhiodh luidhear ann idir. Bhiodh being fiodha ri taobh an dorais far a shuidheadh na fìreannaich aig an teine. Bhiodh uinneag bheag anns a' bhalla, no bhiodh toll beag aig bonn an tughadh gus leigeil an t-solas a thighinn a-steach. Uaireannan bhiodh craiceann-caorach a' còmhdachadh na h-uinneige. Bhiodh na daoine ag iarraidh an uiread de cheò a chumail am broinn an tughadh sa ghabhadh, oir bhiodh iad a' cleachdadh an tughadh a bha làn sùithe mar thodhar gus biodh a fàs. Chumadh fairleus beag agus uinneagan beaga a' cheò a-steach far am bhiodh an tughadh ga shùghadh.

 

Cumadh taigh-thughaidh, Hiort, mu 1859

 

Bhiodh na ballaichean nas tighe aig a' bhonn. Bhiodh na h-oiseanan crom seach ceart-cheàrnach, gus aghaidh shocair a chur ris a' gaoith. Ann an cuid de sgìrean, sheasadh na ceanglaichean airson a' mhullaich air a' bhalla-staigh seach air a' bhalla-muigh. Ruitheadh uisge sìos bhon mhullach tron ghainmheach 's talamh eadar an dà bhalla, agus chumadh sin am balla-staigh tioram.
Anns na h-Eileanan an Iar agus air taobh siar na Gàidhealtachd, thogadh iad taigh air bruthaich, gus an dàrna ceann a dhèanamh fada nas àrd na an ceann eile. Bhiodh a' bhàthach aig a' cheann ìosal. Bhiodh na daoine a' fuireach aig a' cheann àrd.

Carlabhagh, Leòdhas

 

 

Uaireannan chleachd iad an sabhal airson an t-arbhar a ghleidheadh agus cuideachd mar sheòmar-cadail. Bha leapannan dùinte fiodha bitheanta air a' Ghàidhealtachd anns na taighean-tughaidh.

Cumadh taigh-thughaidh, Bhaltos, Uig, Leòdhas, mu 1859, a' sealltainn tallan eadar a' bhàthach agus an t-seòmar far am biodh an teaghlach aig an teine agus a' sealltainn leabaidh anns an t-sabhal

 

 

Leapannan fiodha ann an taigh-thughaidh, Leòdhas, mu 1885

 

Mion-shealladh air làraich taigh-thughaidh ann an Leòdhas, mu 1859, a' sealltainn sabhal a chleachd iad mar sheòmar-cadail agus mar sheòmar airson arbhar a ghleidheadh

 

Anns an 19mh linn, thòisich iad air balla àrd fiodha a thogail aig ceann àrd an taighe gus dealachadh a dhèanamh eadar a' chùlaist (an seòmar-cadail) agus an seòmar far am biodh iad aig an teine. Ghleidheadh iad cisteachan-mine agus ciosanan-mine agus rudan eile anns a' chùlaist. Uaireannan bhiodh làr fiodha (lobhta làir) anns a' chùlaist.

Thòisich daoine air an teallach a ghluasad air falbh bho mheadhan an làir. An sin, bhiodh an teallach ris an tallan eadar àite-fuirich an teaghlaich agus a' bhàthach (no ri balla na cùlaist). Dhèanadh iad balla ìosal de chlachan air beulaibh an tallain mar chùl an teallaich. Is ann an uair sin a thòisich daoine air similear-crochaidh fiodha a chleachdadh os cionn an teallaich, gus ceò na mònach a ghiùlan a-mach tron luidhear.

Cumadh taigh-thughaidh choitcheann air an tìr-mòr, air taobh siar na Gàidhealtachd, 19mh linn. B' ann le ballaichean cloiche singilte a chaidh an taigh seo a thogail. Bha sin bitheanta air taobh siar na Gàidhealtachd. Anns an taigh seo tha dà sheòmar aig a' cheann àrd, seòmar le teallach agus a' chùlaist. Tha clais (carcail) aig ceann ìosal na bàthaich airson sìoladh a-mach na h-inneir.

 


 

Far nach robh fiodh pailt, bhiodh na ceanglaichean air an dèanamh le earrann craoibhe mar a dh'fhàs iad, seach fiodh air a ghearradh dìreach. Theireadh daoine "cabair-coille" air sin.

 

"Cabair-coille" mar cheanglaichean agus spàrr air làrach taigh-thughaidh

 

Taigh-tughaidh, An Dòrnaidh, Ros, mu 1900

 

Air an tìr-mòr, cha togadh iad stuadhan de chlachan agus aol aig gach ceann den taighe airson am mullach a ghiùlan. Bhiodh am balla aig gach ceann ceithir-cheàrnach agus cha bhiodh e nas àirde na an fheadhainn eile. Bhiodh tulchann claonaidh aig gach ceann dhen mhullach, mar a tha ri fhaicinn air an dà thaigh seo (taobh chlì). Bhiodh na ceanglaichean a' seasamh air clachan-buinn seach air bàrr nam ballaichean fhèin.
Tha luidhear ann os cionn meadhan a' mhullaich air an dà thaigh, ann an Dòrnaidh agus ann an Àird nam Murchan. Leigeadh luidhear do cheò faighinn a-mach tron tughadh. A bharrachd air sin, tha luidhear eile ann aig ceann an taighe ann an Àird nam Murchan.

Taigh-tughaidh, Àird nam Murchan, 1965

Luidhear mòr fiodha os cionn meadhan a' mhullaich air taigh-tughaidh, Leòdhas, mu 1960

 

Anns na h-Eileanan an Iar, nuair a chaidh an teallach a ghluasad gu ceann an taighe, thogadh daoine similear an toiseach, seach stuadh air a dèanamh le clachan agus aol. Theireadh iad "binneag" air ceann an taighe le similear.
Dhèanadh iad uinneagan nas motha le bhith gearradh sìos am broinn a' bhalla gus toll nas motha a dhèanamh. Nuair a thòisich daoine air aol a chleachdadh air taobh a-muigh an taighe, chuireadh iad aol gu h-àraidh mun cuairt nan uinneagan gus toirt air barrachd solais a thighinn a-steach.

Taigh-tughaidh, Scarainis, Tiriodh, mu 1900, le àrd-dhoras fiodha os cionn an dorais

 

 

1 Air taobh chlì na tobhta seo, gabhaidh binneag le similear fhaicinn a' seasamh a-mach os-cionn dòmhlachd nam ballachan. Ginealach no dhà às dèidh sin, thogadh iad stuadh air a dèanamh le clachan agus aol le luidhear na broinn aig gach ceann dhen taigh, seach binneag le similear a-mhàin. An sin, thòisich iad air stuadh mhòr àrd le luidhear na broinn a thogail aig gach ceann dhen taigh. Bhiodh làr agus lobhta ann, ach cha bhiodh tughadh ann tuilleadh.

 

Làraichean taighe air Miughalaigh den t-seòrsa a ghabhaidh fhaicinn air feadh nan Eileanan an Iar agus air taobh siar na Gàidhealtachd 

 

Ann an cuid de sgìrean, bha àm ann nuair a bha daoine a' cleachdadh mu thràth an nòis ùir (stuadh le luidhear na broinn agus similear os cionn an luidhear) agus aig an aon àm fhathast a' tughadh mullach an taighe anns an t-seann dòigh.

 

Taigh-tughaidh le stuadh ìosal aig gach ceann agus luidhear na broinn, Grèinetobht, Uibhist a Tuath. Chaidh an taigh a thogail le clachan 's aol mu 1899.

Mullaichean tughaidh

 

Taigh-tughaidh, Cinn a' Gàrraidh, Mòrar, 1905

 

Mion-shealladh air mullach tughaidh, Cinn a' Gàrraidh, Mòrar, 1905. Tha sìomain (sùganan) an tughaidh ri fhaicinn air mullach an taighe. Tha luidhear ann os cionn meadhan a' mhullaich gus leigeil do cheò faighinn a-mach tron tughadh.

Chaidh lusan eadar-dhealaichte a chleachdadh mar stuth-tughaidh ann an sgìrean fa-leth. Cuideachd, air sgàth 's gun robh aimsir neo-chunbhalach air feadh na h-Alba, thug an aimsir buaidh air dòighean an tughadair. Bhiodh barrachd sneachd ann air an tìr-mòr, ach cha bhiodh an uiread de ghaoth làidir ann.

 

Ceann taighe le similear (binneag) a' sealltainn sìomain ceangailte ris a' mhaide-feannaig agus acraichean a' crocadh bho na sìomain, Scalpaigh, Na Hearadh, 1899

 

Ceann taighe le similear (binneag) a' sealltainn sìomain ceangailte ris a' mhaide-feannaig, Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, mu 1900

Bhiodh am maide-feannaig ceangailte ris a' chabar-droma (taobhan-mullaich) aig gach ceann dhen taigh, agus nochdadh e os cionn a' mhullaich. Bhiodh na sìomain uile ceangailte ris a' mhaide-feannaig, gus an tughadh a chumail teann. Bhiodh na h-acraichean a' crochadh bho na sìomain.

 

Bhiodh cumadh a' mhullaich anns na h-Eileanan an Iar eadar-dhealaichte bho thaighean air an tìr-mòr. O chionn 's gun robh a' gaoth cho tric a' sèideadh gu fiadhaich anns na h-Eileanan an Iar, bhiodh cumadh fada nas cruinne air na mullaichean.
Uaireannan chuireadh iad an stuth-tughaidh nas tighe aig leitheach-slighe eadar bonn agus bàrr a' mhullaich gus cumadh nas cruinne a chur air. Bheireadh sin dìon ri uachdar a' mhullaich os cionn a' chabar-droma, gus nach rachadh an tughadh a thoirt air falbh leis a' ghaoith.
.

Taigh-tughaidh, Dubharaidh, Barraigh, mu 1950

 

 

Ma dh'fhaodte gun do mhair an cleachdadh a thaobh binneag le similear fa leth (seach stuadh àrd le similear) air sàilleabh 's gun robh sin nas freagarraiche airson an tughadh a chumail teann.

Sealladh air binneag le similear ùr a chaidh a chur aig ceann taigh-thughaidh, le acraichean a' crochadh gu math teann ris an t-similear, agus le màthair-shìomain a' ruith mun cuairt rud beag os cionn an tobhta, Àrd Heisgeir, Uibhist a Tuath, 1970

 

'S e binneag seach stuadh a bha aig ceann an taighe seo. Bha i air a dèanamh le sgrathan seach clachan is aol. Bha na ceithir ballaichean uile dhen aon àirde. Chaidh a' bhinneag suas aig gach ceann, suas dhan chabar-droma. Cha bhiodh luidhear na broinn. Air taobh a-staigh an taighe, bhiodh similear-crochaidh fiodha (bocsa-chrochaidh) os cionn an teallaich gus ceò na mònadh a ghiùlan a-mach tron luidhear. Tha sgrathan ri fhaicinn os cionn an tughadh gus sin a dhèanamh nas dìonach, agus tha na sgrathan a' dol began nas fhaide a-mach thairis air ceann na binneig. Tha sìomanan a' dol air ais 's air adhart gus an tughadh agus na sgrathan a chumail teann. Bhiodh bìdeagan fiodha biorach a' ceangail nan sìoman ris an tuaghadh 's na sgrathan, 's iad a' dol sìos am broinn nan sgrath mar acair. Tha an luidhear air a chòmhdachadh mun cuairt le tughadh suas dhan t-similear. Tha sìomain (sùganan) a' dol mun cuairt an luidhear (agus sìos 's suas cuideachd) gus an tughadh a chumail teann ris an luidhear 's dìonach.

Taigh-tughaidh, Sanaidh, Àird nam Murchan, 1925

 

Chaidh muran a chleachdadh mar stuth-tughaidh far an robh e a' fàs anns na h-Eileanan an Iar. A bharrachd air sin, bha e feumail airson sìoman (sùgan) a dhèanamh. Uaireannan bhiodh sìoman a' ciallachadh rudeigin nas tighe na sùgan. Far nach robh muran a' fàs, dhèanadh daoine sìoman le lusan eile.

A' buain a' mhurain le speal agus a' cleachdadh ràcan, Barraigh, 1950

A' dèanamh sìoman murain, Peighinn nan Aoireann, Uibhist a Deas, mu 1953

Bhiodh na cabair a' dol bho bhallaichean na tobhta suas dhan chabar-droma (dhan taobhan-mullaich). Is ann air uachdar nan cabar a bhiodh na sgrathan a' laighe. Ach ann an cuid de sgìrean far nach robh fiodh pailte, cha bhiodh an uiread de chabair ri fhaighinn sa bha a dhith. Dhèanadh iad seòrsa de phlàt le sìoman, ga fhighe suas is sìos eadar na clèithean gus cuideam nan sgrathan a ghiùlan (còmhla ri nan cabar). Far an robh craobhan pailte, ghabhadh meanglain bheaga a chleachdadh mar sin air na clèithean, gu math faisg ri chèile eadar na cabair.

 

Fraoch, deiseil airson tughadh, Uibhist a Tuath, 1970

Murain, deiseil airson tughadh, mu 1970

Dhèanadh iad deiseil an stuth-tughaidh gu sgileil. Ach cuideachd, bha dòighean àraidh aca gus sgrathan a ghearradh le cabar-iar airson mullach a thughadh. Dh'fheumadh iad sgrathan tana làidir fhaighinn gus nach bhiodh iad ro throm. Dh'fheumadh na sgrathan a bhith fada 's leathann gus bonn ceart a dhèanamh airson an stuth-tughaidh 's gus a' mhullach a dhèanamh dìonach. Mar sin, bha e cudthromach dè sheòrsa lus a bha a' fàs far am biodh iad a' feannadh. Bhiodh iad a' feannadh ann an àite far an gabhadh sgrathan freagarrach fhaighinn.

 

Chleachdadh iad bìdeag fiodha biorach gus gach sgrath a chumail na h-àite air uachdar nan cabar agus nan sìoman (no nam meanglan). Ghabhadh an tughadair greim air dòrlach stuth-tughaidh agus chuireadh e am bun dheth fo ìochdar aon sgratha, le bàrr gach sguaibe an còmhnaidh a' dol sìos. Cleachd iad dòighean àraidh gus mullach taighe a' dhèanamh dìonach.

A' caradh taigh-thughaidh, Eirisgeigh, mu 1930. Tha màthair-shìomain ri fhaicinn a' dol timcheall bonn an tughaidh le acraichean a' crochadh bhon t-sìoman.

Tughadair a' caradh taigh-thughaidh, Grèinetobht, Uibhist a Tuath, mu 1925

 

Chan eil tughadh roide, murain, rainich no connlaich uamhasach seasmhach. Às dèidh trì bliadhnachan, feumaidh an tughadair roid no raineach ùr a chur air mullach an togalach. Ach, tha fraoch, cuilc, lachan agus seasgan gu math seasmhach.

Alasdair Caimbeul a' caradh an tughaidh air bàthaich le roid, Gearraidh na Mònadh, Uibhist a Deas, 1971

Cha robh iad idir cho faiceallach mu dheidhinn tughaidh air mullach bàthaich, às dèidh dhaibh tòiseachadh air a' chrodh a chumail ann an togalach fa leth, seach anns an dàrna ceann den taigh.

Màiri NicRath, taigh-tughaidh, Gleann Dail a Tuath, Uibhist a Deas, mu 1932

Uaireannan chleachdadh iad oir fraoich aig bonn an tughadh gus uisge a ghiùlan às an tughadh agus air falbh bho na ballaichean.

 

Ann an cuid de sgìrean air taobh an ear an tìr-mhòir, far an robh craobhan nas pailte, thogadh iad stuadhan de chlachan agus aol aig gach ceann den taighe. Bhiodh na ceanglaichean a' seasamh air clachan-buinn seach air bàrr nam ballaichean fhèin. Is ann air na ceanglaichean agus air na clachan-buinn a bhiodh cuideam a' mhullaich.

Ann an taigh mar sin le stuadh air gach ceann, bhiodh na clèithean a' laighe air na stuadhan, ged nach bhiodh mòran cuideam a' dol dhan stuadh. Air sàilleabh 's gun robh ceanglaichean 's clèithean mhòra làidir air a' mhullach, ghabhadh tuaghadh tiugh fraoich a chleachdadh, rud a bhiodh gu math seasmhach.

Tughadh dorcha fraoich le sìomain tiugha agus fiodh airson acraichean an àite chlachan, Cùil Lodair, mu 1920. Tha an dòigh cleachdaidh sìomanan air an taigh seo buileach eadar-dhealaichte bho na sìomanan air taighean-tughaidh air taobh siar na Gaidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar, mar an fheadhainn ann an Cinn a' Gàrraidh, Mòrar (1905) agus ann an Scalpaigh, Na Hearadh (1899). Tha dòigh àraidh cuideachd ri fhaicinn os cionn an stuaidh, far am bheil an tughadh a' dol sìos mun cuairt an stuaidh agus far am bheil sìomain ga cheangail teann sìos.

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-22