Iain Rothach (1889-1918) - cha do
mhair ach gle bheag dhe chuid bardachd: Tha Ruairidh Mac Thomais ga
chunntas mar "the first strong voice in the new Gaelic verse
of the 20th century", a toirt iomradh air an "remarkable
rhythmic mastery" a gheibhear anns na dain "Ar Tir's ar
Gaisgich a thuit's a Bhlar" agus "Air sgath nan Sonn"15.
Air an laimh eile, tha Raghnall MacIlleDhuibh ga fhaicinn mar "tortured
free verse full of reminiscences-of-rhyme16.
[]***
Murchadh Moireach (1890-1964): as a Bhac
ann a Leodhas. Bha e na Dux air Sgoil MhicNeacail ann an 1909, thug
e mach ceum MA ann an Oilthigh Obardheathain, ann an 1913. An deidh
uine ghoirid a teagasg, chaidh e na oifigear anns na Siophortaich
nuair a thoisich "Cogadh a Cheusair". Anns an aon leabhar
a thug e mach, Luach na Saorsa17, gheibhear leabhar-latha a chum
e tromh'n chogadh, taghadh de na dain a sgroibh e romh'n a chogadh
agus na dain cogaidh fhein. Chan eil an corr bardachd ann, ach piosan
rosg, nam measg, leirmheas bhaidheil a thug e air bardachd Mhairi
Mhor nan Oran. Cha do dh'eirich (no cha do chumadh) ach tri dain
leis a dh'eirich as a chogadh. Nan robh sinn dol a dheanamh coimeas
eadar e fhein agus bard sam bith eile, 's e am bard Beurla Rupert
Brooke, a chaidh sas anns a chogadh le lethid de dhochas faoin gum
bu rud uasal e. Anns an dan a thug ainm dhan an leabhar, tha e criochnadh
leis na faclan "Troimh'n Bhas thig Buaidh." Ach, ged nach
do ghluais e gu buileach bho na faireachaidhean dochasach, tha blas
an sgios a sioladh amach as na dain eile.
[J.K.F.] ***
Rugadh Domhnall MacDhomhnaill (Domhnall
Ruadh Choruna) (1887-1967), sar bhard Gaidhlig a Chogaidh Mhoir18,
ann an Coruna, baile beag air Cladach a Bhaile Sear, ann a Sgire
Chairinis, ann an Uibhist a Tuath. Thainig ainm a bhaile dhan eilean
le shin-seanair a bha na shaighdear ann am Blar Chorunna, 'san Spainn
ann an 1809. Bha am bard fhein gu mor airson a dhol dhan arm, agus
aig 17 bliadhna dh'aois chaidh e na bhall dhen mhailisidh. Nuair
a thoisich an Cogadh Mor, chaidh e dha na Camshronaich 's cha b'fhada
gus an robh e anns na trainnsichean san Fhraing. Mar a chithear
ann a Murchadh Moireach, bha faireachadh ann, aig toiseach na comhstri,
gur e rud uasal a bha ann an cogadh, ach cha bu bheachd a bha sin
a b'urrainn seasamh an aghaidh uiread de sgrios. Ann an Oran dhan
Chogadh, tha am bard moiteil;
mar bu dualach dhaibh bhon sinnsreadh
'm fuil a' goil aig meud an uabhair
Gu robh Gaidheil nam beann fuara
nuair a chual iad gu robh stri ann.
ach tha an aon dan a cuimhneachadh gur
....ann an Gaidhealtachd nan ard-bheann
a tha mathraichean fo mhighean.
Ach cha b'fhada gus an robh a shealladh air atharrachadh, ann an
dan a tha gabhail ainm bhon a chiad loighne;
Tha mi duilich, cianail, duilich.
tha mi duilich, 's cianail tha mi
bhon a chunna mi le m' shuilean
sealladh tursach mo chuid bhraithrean
oir anise, b'e chunnaic e ach
feadhain tha marbh is nan claraibh,
anns an fhasaich 's iad nan sineadh,
Gillean Gaidhealtachd na h-Alba,
an neart 's an cli air am fagail
An deidh dha bhi air a leon (ann a 1916) agus air tilleadh dhan
chogadh, bha luasgan ur na chridhe, agus na bhardachd, as an do
dh'eirich dan samhlachail mar Nam bithinn mar eun, agus an dan iongantach
ud, an aon oran gaoil a rinn e, a tha, seach rosg na bardachd sam
bith eile, a riochdachadh litreachas a chiad Chogaidh Mhoir do na
Gaidheil, bhon a chiad turus a chualas e, An Eala Bhan. Leig na
dain ud le mhacmheanmain siubhal amach as eabar is eiginn an fhaich,
gun diachuimhneachadh airson tiotan cait an robh e. Ann an Oran
na seilge, 's urrainn dha fhathast smaoineachadh air a ghunna mar
uidheam cleas, ach le dochas;
.... gun cumar beo dhinn
na thogas torachd is coir nam beann
nuair thig na fiurain lem briogais-gluine
nach deach anull air ar cul dhan Fhraing...
Bha seo an deidh rann a thug ionnsaidh chruaidh air "na h-uaislean
a bh'air a chluasaig..." nuair a ha e fhein 's a charaidean
a dion "an t-sealg 's an t-iasgach" dhaibh19.
An deidh a chogaidh, thug e suil bheothail air iomadh cuspair, bho
Ghuana chun an H-bomb. Tha na cuspairean coimhearsnachd ri 'm faighinn
air am biodh duil bho bhard a chuir seachad a mhor-chuid dhe bheatha
measg a chuideachd fhein. Na sheann aois, shoilleirich e smuaintean
iomadh-fhillte mu chas, le crioch na beatha tighinn thar faire,
ann an dain siubhlach mar Smuaintean nam shean aois agus Oran a
gheoidh. Tha dan mar Chuala mi 'n damh donn cho arsaidh agus ur
ri anail. Rud a tha gu h-araid taitneach na bhardachd, 's e mar
a tha e cruthachadh dheilbh a tha gar clisgeadh gu a chuspair fhaicinn
ann an doigh ur.
Nochd cruinneachadh dhe bhardachd Dhomhnaill Ruaidh ann a 1969.
Chaidh ath-fhoillseachadh le eadartheangachadh ur agus aistidhean
inntinneach leis an fhear deasachaidh, Fred MacAmhlaidh, agus le
Seonaidh Ailig Mac a Phearson, a chuidich gu mor leis a bhardachd
a chruinneachadh20. Anns na briathran aig an dithis, agus na dhain
fhein, gheibhear dealbh de bhard a bha beairteach ann am buaidhean
is goireasan a dhualchas fhein, ach a chuir a shaibhreas fhein chan
ann a mhain ri stoc ach ri cruth an dualchais sin.
[An Eala Bhan]
[Dhan Ghaidhlig]
[Bha duil agam mus faighinn bas]***
|