'S docha nach eil uiread sin de
dhifear eadar na baird a cheangladh sinn ri Mod is baile mor agus
baird eile na h-ama bh'ann. Bha an fheadhainn a ghabh gnothach ri
obair a Mhoid agus na Comuinn nas buailtiche bhi air foghlum ard-ire
fhaighinn, no a bhi ag obair air chul deasc anns a bhaile mhor. Chan
eil sin ag radh gum biodh am bardachd nas ur-leirsinneach, nas modha
na tha e ciallachadh gu robh i nas "seann-fhasanta" na obair
bard sam bith eile. Chaidh cumail gu mor ris an dualchas anns gach
raon, agus bha suil ga toirt thairis air callaid a chleachdaidh. anns
gach raon.
As Uige Leodhais a bha Domhnall MacIomhair
(1857-1935) - Choisinn An Ataireachd Ard duais bardachd dha aig
Mod 1905. A reirm deasachair Bardachd Leodhais, a sgriobhadh ann
a 1916, "Mar bhard 's fhada o rinn e chliu aig Moid a' Chomuinn
Ghaidhealaich, aig an d'fhuair e iomadh uair a chiad duais airson
bardachd. Tha smuaintean domhainn, feallsanachd, gradh da dhuthaich,
agus mion-eolas air a staid agus air a h-eachdraidh o chein, a boillsgeadh
amach anns gach rann a chuir e ri cheile16." Chan eil teagamh
nach robh "smior na Gaidhlig agus ranntaireachd eagnaidh"
na bhardachd, air cuspairean mar Na Fineachan Gaidhlig, na fuadaichean,
Cur na Mara, agus an t-oran a tha, a thaobh cruth, faireachaidhean
agus cuspair, cho beo dha luchd-eisdeachd an diugh 's a bha e nuair
a mheoraich am bard air na bha 's na bha ri teachd.
[An Ataireachd Ard] ***
Duine neo-abhaisteach a bha ann an Donnchadh
MacDhun-Leibhe (1877-1964) - Muileach a chaidh a dh'Afraca a Deas,
agus a sgriobh bardachd chruaidh an aghaidh Apartheid. Dh'ionnsaich
e clachaireachd ann an Glaschu, chaidh e na shaighdear do Chogadh
nam Boer, chaidh a leon, thill e gu clachaireachd ann an Glaschu.
Ann an 1903, dh'imrich e a dh'Afraca a Deas a rithis gu cosnadh
anns an t-seann cheaird. Ri tide chaidh e dh'obair do Roinn Togalchd
an riaghaltais, far an do dheirich e gu bhi na Master of Works.
Suas gu 1951, nuair a chaochail a bhean, bha a bhardachd aotrom,
socair, toirt iomradh air tachartasan ameasg a chuid eolaich, Gaidheil
agus Albannaich eile bha fuireach mun cuairt air. Ach, bhon am sin
amach dhuisg faireachaidhean cogaiseil mu shuidheachadh mor-chuid
Afraca a Deas, agus mu chuspairean poilitigeach eile, na bhardachd7.
Ged a bha MacDhun-Leibhe fior chomasach air briathran gleusda, air
cuspairean eolach dhan a Ghaidheal, a chur an ceill anns an t-seann
rannaidheachd, 's urrainn dha cuideachd cruth an dain fhuasgladh
amach, ann an doigh tha nochdadh mion-eolas air an t-saoghal farsuing,
gu h-araid mu mar a bha e buaidheil air Afraca a Deas fhein. Thug
e roghadh leirsinneach gu robh Feasgar an Duine Ghil8 ri laimh.
Chithear anns an dan Bean dubh a caoidh a Fir a chaidh a mharbhadh
leis a Phoileas9 cho comasach sa bha e bruidhinn ann an guth anns
nach b'urrainn moran eolas pearsanta bhi aige.
[Bean dubh a caoidh a Fir a chaidh a mharbhadh leis a Phoileas]
***
B'e Seumas MacThomais (1888-1971) a chiad
duine choisinn Crun a Bhaird, ann a 1923. A reir a mhac, am bard
Ruairidh MacThomais, ann an iomradh air a chruinneachadh a thug
athar amach, Am Fasgnadh "...contains a large number of later
poems which show a marked freedom of movement and structure although
they do not abandon rhyme. Many of the poems are on religious themes,
and both these and others have as a salient characteristic a quiet
epigrammatic grace10." Chithear rannaidheachd gu math saor
seach an abhaist ann am bardachd nan Gaidheal ann an Tir nan Og,
a tha nochdadh gu math trath anns an leabhar11.
[Tir nan Og]***
Bhoineadh Domhnall (Ruadh) Mac an t-Saoir
(1889-1964) do Shnaoiseabhal, ann an Uibhist a Deas. B'e clachair
a bh'ann a ghluais gu Deas air thoir obrach. Tha e uaireanan air
ainmeachadh air a bhaile anns an do ghabh e comhnaidh - "Bard
Phaislig". A reir coltais, bha e na dheagh sgoilear, a cosnadh
mar dhuais leabhar de bhardachd Robert Burns, ged a dh'fhag e sgoil
aig 14 bliadhna dh'aois. Nuair a bha e gann amach as na diagan,
chaidh a thaghadh a riochdachadh na coimhearsnachd ann an cuirt
lagha an aghaidh an uachdaran, a bha maoidheadh ceadas coin orra.
Chaidh leis na craitearan ann an Cuirt nan Con, agus goirid an deidh
sin, nochd a chiad oran a rinn Domhnall, Oran nan Con. An deidh
seirbheis anns a Chogadh Mhor, mar phiobaire anns na Camaranaich,
rinn e grunnd charan obrach mus do thionndaidh e air ais chun a
chlachaireachd a bha san teaghlach.
Bha dualchas nan Gaidheal na shaibhreas
ann an teaghlach aige cuideachd. Thogadh e gu eolas air baird mhor
na h-Uibhist, Clann Mhuirich, MacCodrum, agus MacMhaighstir Alasdair,
aig an robh ceangal ri Uibhist. A reir Ruairidh MacThomais, bha
a sgilean briathrachas agus rannaidheachd mar gu robh "fear
de bhaird na 18mh linn beo nar measg anns an 20mh." Ach cuideachd,
tha a bhardachd a bontainn gu buileach dha ar linn, "ann a
chuspairean is ann a mhodhan." Tha Somerled MacMillan, a dheasaich
a chruinneachadh bardachd, Sporan Dhomhnaill12, a nochdadh gu robh
deagh eolas aige air dualchas nan Greugach, agus tha na Romanaich,
na Lochlannaich is seann laoich nan Gaidheal, agus Criosdaidheachd,
air chul an dain fhada (thar 700 sreath) a rinn e mun ghaoith, Aeolus
agus an Balg. Chaidh an dan seo a mholadh mar shar dhan na linne,
nuair a choisinn e Crun a Bhaird dha aig Mod Ghlaschu ann a 1938.
Bha uidh aige cuideachd ann am bardachd Burns (dh'eadartheangaich
e Tam o Shanter agus The Twa Dogs) agus Thomas Gray, ged nach do
dh'amais e air Elegy in a Country Churchyard a thoirt anall gu Gaidhlig.
Bha Domhnall Ruadh cho comasach air oran
gaoil a dheanamh, no moladh duthcha, no dan air polataigs. Gheibhear
aoirean air Mussolini agus air luchd riaghlaidh na duthcha, ach,
a dh'aindeoin 's gun do shin a bheachdan dhan taobh chli, agus gu
saorsa dhan dream, tha e follaiseach bho a bhardachd gun do dh'fhairich
e grain air na h-Iudhaich. Gun mhathanas a thoirt do Mhac an t-Saoir,
dh'fheumar cuimhneachadh nach robh TS Eliot no Ezra Pound ro bhaigheil
dha na h-Iudhaich nam bardachd, nas mo, agus tha iadsan air am faicinn
fhathast nam priomh bhaird na Beurla. Bi Domhnall Ruadh air a chuimhneachadh
airson a chuid orain aotrom, aighearach, mar Buth Dhomhnaill MhicLeoid
agus Sporan Dhomhnaill, a tha air an seinn gu math tric fhathast
air reidio is ard-urlar.
[Aoir Mhussolinidh] ***
[Buth Dhomhnaill MhicLeoid] ***
Murchadh MacPharlain (1901-1982): tha
fhar-ainm (Bard Mhealboist) a soillearachadh an da chuid co as a
bha e agus a chliu a bha e cosnadh air feadh Leodhais agus thar
a criochan. B'ann gu h-araid mar fhear a chuir loinn ur air orain
Gaidhlig a bha e sonraichte. Cho siubhlach na shamhlachadh ri Cole
Porter, cho steidhichte na dhualchas ri Woodie Guthrie, agus cho
buaidheil ris an da chuid air na h-oranaichean a lean, ach bha suil
gheur aige air an t-saoghal mhor amuigh cuideachd. Bha Murchadh
comasach air aoireadh no cumha, ach cuideachd b'urrainn dha suil
ur a thoirt air seann chleachdadh, ga ath-bheothachadh anns an t-seinn:
ann an Tobair, tobair siolaidh, mar eisimpleir, tha e togail cuspair
a tha, 's docha, cho sean ris an dualchas fhein, 's ga tionndadh
gu rud aighearach ur, ann am briathran simplidh siubhlach. Bha e
cheart cho buailteach oran a dheanamh air Mal na Mara, no air a
mhisg, ann an doigh bha moralta gun a bhi na shearmon. Bha a shuil
leirsinneach fhein fhein aige air polataigs an t-saoghail, mar a
chithear anns an oran, Am Fear Teiche. B'ann ann am meadarachd an
t-seann nos, no ann am meadfarachdan a bha baigheil dhan t-seann
nos a bha bardachd Mhurchaidh MhicPharlain, ach tha faireachdadh
unnta uile gu robh e daonnan na sheasamh air drochaid, air chorra-bhiod,
a coimhead amach. Gheibhear a mhor-chuid dhe a dhain anns an leabhar
a thug e mach, An Toinneamh Diomhair agus cruinneachadh dhe orain
a nochd le ceis na chois13.
[Mi le m'uilinn air mo ghluin]***
Bha baird ann cuideachd a Tir Mor. Thainig
Domhnall MacColla (1905-77) as Ath Tharcuill, ann an Garbh-chriochan
Lochabar, a teaghlach a bha ri bardachd. Bha e na gheimear ann an
grunnd aitichean air feadh taobh Siar na Gaidhealtachd, agus bha
buaidh a cheaird air a chuid bhardachd, a bha lan de sheallaidhean
mionaideach air nadur14.
|