Chaidh An Communn Gaidhealach a
steidheachadh ann an 1891, agus am Mod Naiseanta bliadhna an deidh
sin. Am measg nan iomadh farpais a thug cruth dhan a Mhod, bha daonnan
farpaisean sgriobhaidh ann agus bho 1923 gu 1978, bu phriomh fharpais
an luchd-sgriobhaidh Crun a Bhaird, steidhichte, air crunadh priomh
bhard na Cuimrigh aig an Eisteddfod. Thainig cuideachd an "glanadh"
ciuil aig Marjory Kennedy Fraser, Marsaili Mhor, mar is fhearr a tha
na Gaidheil ga cuimhneachadh. Fhuair i taic gun tair, ann an cruinneachadh
nan oran, agus ann an gleusadh, bhon t-Urramach Choinneach MacLeoid
(1871-1955), a tha air a chuimhneachadh ameasg luchd na Beurla airson
The Road to the Isles. Ged nach eil moran chomharraidhean ann gu robh
e fhein go mor sas anns na Modan, bha buaidh mhor aige fhein, agus
a cho-obraiche, Marsaili Mhor, air riantan ealain nan Gaidheal airson
a chiad leth dhen 20mh linn. ***
Domhnall Mac na Ceardaich (no Sinclair)
(1885-1932): bard agus sgriobhaiche deilbh-cluich, a Barraidh. Chaidh
e a Dhun Eideann aig 18 bliadhna dh'aois, airson foghlainneachd
a thoirt amach mar dhealbhaiche dealain. Bha e air a bhi ri bardachd
eibhinn mus do dh'fhag e Barraidh, agus, anns a bhaile mhor, rinn
e eolas air uaislean mora na Gaidhlig ann a shin, lethid Alasdair
MacGillemhicheil agus an Sgiathanach Niall MacLeoid (Mac Dhomhnaill
nan Oran, agus brathair Iain Duibh). Dh'fhoillsich bard mor
na Beurla Ghallda, Hugh
MacDiarmid, a bha na dhluth charaid dha, eadartheangachadh dhe'n
dan Slighe nan Seann Seun anns an duanaire The Golden Treasury of
Scottish Poetry (1946)4 - an aon chuibhrionn dhen leabhar a tha
riochdachadh na Gaidhlig. A reir Mhic Dhiarmaid fhein, bhiodh iad
a deasbad air buaidh nan dualchaint, agus am feum a bh'ann airson
urachadh mor air briathrachas, ann an Gaidhlig, agus anns a Bheurla
Ghallda. Tha MacDhiarmaid ga chunntas mar aistidhear eireachdail,
agus na sgriobhadair sgialachdan goirid. A reir coltais, sgriobh
e mu shia dealbh cluich, ged nach eil iomradh aig a Chomunn Ghaidhealach
air ach tri dhiubh. Ann am polataigs, bha e na Naiseantach laidir
Thug Aonghas Moireasdan (1865-1942) a
Loch Braoin, a rinn beo-shlaint mar mharsanta ti, amach na leabhraichean,
Orain nam Beann (1913), Duain agus Orain Ghaidhlig (1929) Dh'amais
e air bardachd ann an saor-rannaidheachd, agus thug e gu barr, ann
an lionmhorachd a chuid Smuaintean air Morachd Impireachd Bhreatainn.
Chuir e seachad uine dhe bheatha mar runaire air Comunn Gaidhlig
Inbhirnis, agus, ann an Dun Eideann, bha e na bhall de Chomunn Tir
nam Beann.
Niall Ros (1871-1943) minisdear, as an
Eilean Sgiathanach: Choisinn a dhan Am Faigh a Ghaidhlig Bas duais
aig a chiad Mhod, ann an 1892. Sgoilear a bh'ann, a dheasaich trachdas
air Heroic Poetry from the Book of the Dean of Lismore, a chaidh
fhoillseachadh leis an Scottish Gaelic Texts Society, ann an 1939.
Rinn e amas, ann an 1152 loighne, air an darna cogadh mor a chur
an ceill ann am bardachd, Armageddon, dan eile a moladh impireachd,
's cha tainig dan Gaidhlig eile cho faisg air McGonagall ris, a
reir Raghnaill Mhic Ille Dhuibh15.
Aonghas Robasdan / MacDhonnchaidh (1871-1948),
a Breacais, anns an Eilean Sgiathanach. Chaidh e dh'obair airson
companaidh foillseachaidh ann an Glaschu. Bha e sas gu mor ann an
saoghal na Gaidhlig anns a bhaile: nuair a bha e na cheann-suidhe
air a Chomunn Gaidhealach, steidhich e Crun a Bhaird. Mar sgriobhadair
e fhein, tha e air a chuimhneachadh airson An t-Ogha Mor, nobhal
(1913), air nach eil moran feill an diugh, agus cruinneachadh de
dhain, Cnoc an Radhairc (1940).
|