|
Bho thoiseach na linne gu letheach troimhpe,
bha an saoghal gu mor air a ghabhail thairis le cogaidhean, no le
iomraidhean air cogadh. Bha buaidh aige seo air baird anns gach duthaich,
agus tha cuid de bhaird na Beurla, lethid Wilfred Owen, Siegfried
Sassoon agus Isaac Rosenberg nach eil air an cuimhneachadh an diugh
ach mar bhaird cogaidh. Ged a bha buaidh nan cogadh air baird na Gaidhlig,
ann an ealain agus uaireanan ann an slainte, chaidh a mhor chuid dhiubh
air adhart gu iomadh seorsa dan eile a sgriobhadh. Ach, fhathast,
tha cuid de dhain, a dh'eirich as cogadh seach cogadh, a tha air seasamh
cho laidir ann an cuimhne an t-sluaigh gu bheil iad, gu ire a comharradh
a bhaird a rinn iad mar "bhard cogaidh" a dh'aindeoin 's
na rinn iad air gach taobh dhen chomhstri. Tha fhios againn gun do
dh'eirich An Eala Bhan as a chiad chogadh, gu bheil Nochd gur Luaineach
mo Chadal agus Bisearta a bontainn ris an darna cogadh, ach dearbhaidh
na chaidh fhoillseachadh gun tug Domhnall Ruadh Choruna, an Sgiobair
agus Mac Eain Dheorsa iomradh air iomadh cuspair eile |
|